Òran na Caillich

Òran air a sgrìobhadh le: Anndra Linc agus air a sheinn le: Anndra Linc.

This is a song written by: Anndra Linc and sung by: Anndra Linc.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Chuir iad a' chailleach dham ionnsaidh-sa falamh
Chuir iad a' chailleach gu Anndra;
'S cha bhiodh iad cho ealamh mar biodh iad cho falamh
Nuair chuir iad a' chailleach mu Anndra.

Fàilt' ort a chaillich, na fan anns an fhuachd
Gad lathadh le fuachd a' gheamhraidh;
Tha deoch agus biadh, is connadh do dhìol
Agad air crìochan Anndra.

'S nuair a thàinig a' chailleach an taobh seo dhen dùthaich
Sheas i mun ùtraid 's sheall i;
Thuig i nach robh an siud ach an diùbhaidh
Tharraing i null gu Anndra.

Cha truagh leam cailleach ged thigeadh i 'm chòmhnaidh
Gheibh i gu leòr is annlan;
Tha mòran coirc' is pailteas eòrna
Is seagal gu leòr aig Anndra.

Sibhse tha mach le sgiobaidhean mòr'
Luchd-cuideachadh dhlòth is bhanntan;
Chì sibh fhathast ged tha mi nam ònrachd
Sgioba gu leòr aig Anndra.

Ged dh'fhalbhainn-s' cuairt a ghabhail mo phinnt
Chan fhalaichinn-s' nì le mealltachd;
'S aithne dhomh fhìn de luchd-crathadh an cinn
A dh'òladh a trì ri Anndra.

Sgeulachd an Òrain - A' Chailleach

Seo mar a dh'innis Alasdair Linc, mac Anndra, mun chailleach-bhuana a ghluais athair gu 'Òran na Caillich' a dhèanamh:

"Mar a bhios fios agaibh, an duine mu dheireadh a bhiodh deiseil dhan bhuain, bhiodh iad a' cur na caillich thuige. Chaidh a' fear a bha seo seachad a' latha a bha seo agus dh'èigh e, "Chuir mi chailleach ort!"

Bha m' athair a' buain 's a' ceangal co-dhiù leis fhèin, 's cha robh aige ach e fhèin 's chaidh a' fear seo seachad 's dh'èigh e, "Chuir mi chailleach ort!" agus bha an t-òran deiseil latharna-mhàireach.

'S a' fear a bha cur na caillich air, tha e coltach nach robh sgath arbhair aig an duine sin air fhàgail agus chaidh e null a Sholas, taobh eile na dùthcha, a dh'iarraidh cruach arbhair agus dà chruach aig m' athair a chòrr, thoireadh, mar a chuir e ann am fear de na ceathramhan san òran:

Ged tha sibh air thoiseach a' tional a' bhàrr
Bidh ur n-àth falamh ro Bhealltainn;
'S ro dheireadh an earraich, gum bi sibh a' gearain
'S ag iarraidh an eallaich air Anndra.

Agus thuirt Anndra fhèin:

"Ma b' fhìor gun do chuir iad a' chailleach thugam a' bhliadhna bha seo, ach cha do ràinig a' chailleach mise fhathast ach ràinig spiorad na bàrdachd mi is thoisich mi air an òran!"

Seinneadairean / Performers

Anndra Linc

Rugadh Anndra Linc, Anndra Alasdair 'ic Anndra no Anndra Hòrasairigh, ann an 1900 sa Bhaile Mhòr ann an sgìre Phaibil an Uibhist a ...

Fiosrachadh air Anndra Linc / Learn more about Anndra Linc

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.