Episode details

Radio nan Gàidheal,24 Nov 2026,87 mins
Arc-eòlas Eadailteach, deochan neart agus taghaidhean-ciùil mixtape
Feasgar an-diughAvailable for 29 days
Faisg air Cerveteri, beagan a bharrachd air fichead mìle bhon Ròimh, tha cladh Etruscan inntinneach ri lorg. Tha arc-eòlaichean air a bhith ag obair air càradh na làraich anns na beagan sheachdainean a dh’fhalbh, agus chaidh grunn rudan ris nach robh dùil a lorg. Tha an t-arc-eòlaiche Moira Piazzoli ag innse barrachd dhuinn mu na chaidh a lorg an sin. Tha deochan neart air fàs gu math fasanta, gu h-àraidh am measg dhaoine òga, leis gu bheil iad a’ gealltainn barrachd neart agus aire. Ach dè cho math ’s a tha iad dhuinn? Tha sgioba Feasgar a’ toirt sùil air na buannachdan agus na cunnartan a dh’fhaodadh a bhith an lùib a bhith gan òl gu tric. 'S i Pat NicLeòid a tha a’ toirt dhuinn na taghaidhean-ciùil mixtape aice – òran airson siubhal, òran a chluicheadh i fhad ’s a bhiodh i ag ullachadh airson a dhol a-mach, agus òran a tha a’ toirt oirre cuimhneachadh air làithean a h-òige.
Programme WebsiteTracklist
- TrackArtist
- 1.Smile Like You Mean ItSmile Like You Mean ItThe Killers
- 2.Good Arms vs Bad ArmsGood Arms vs Bad ArmsFrightened Rabbit
- 3.Bette Davis EyesBette Davis EyesKim Carnes