Use BBC.com or the new BBC App to listen to BBC podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Find out how to listen to other BBC stations

Episode details

Radio nan Gàidheal,24 Nov 2026,57 mins

A bheil e gu diofar mura bi Albannaich ann an geama spòrs eadar dà sgioba às an dùthaich?

Naoi gu Deich

Available for 30 days

Riamh bho thàinig fònaichean gu na taighean againn, 's e uèir chopair a bha gan ruith. Tha sin ag atharrachadh anns an linn dhidseatach, ach tha connspaid gu leòr ag èirigh na chois. Carson agus dè as coireach gu bheilear a' cur às do sheirbheisean air uèir chopair? Bha fear à sgìre Lannraig anns na naidheachdan an t-seachdain a chaidh, agus e ag innse mu mar a thachair dha le companaidh àrachais. Bha Seòras Davies a' pàigheadh suim airgid gach mìos airson 17 bliadhna, an aghaidh chosgaisean adhlacaidh. Ach tharraing a' chompanaidh a bha os cionn nan cùisean a-mach à Breatainn, agus tha na mìltean de dhaoine air am fàgail ann an staing. Tha an t-eòlaiche ionmhais, Dòmhnall Màrtainn, a' toirt sùil air a' chùis. Bha sgioba ball-coise Rangers a' cluich Tobar na Màthar aig an deireadh-sheachdain, ach cha robh Albannach idir air an raon. A bheil sin gu diofar sam bith, agus dè mar a tha daoine a' faireachdainn mu dheidhinn? Dè na h-eòin gheamhraidh a tha rim faicinn an-dràsta? Tha Shona NicIllFhaolain bho Chomann Rìoghail Dìon nan Eun ag innse beagan mun fheadhainn a tha mun cuairt agus dè an dòigh as fheàrr air am biadhadh tro mhìosan a' gheamhraidh. Bidh prògram ri fhaicinn air BBC ALBA a-nochd fhathast mu Dhonnchadh MacCoinnich à taobh siar Rois agus an obair rannsachaidh iongantach a tha e a' dèanamh mu sgìre Inbhir Làthail. Tha an sgrìobhadair Seonaidh Charity, a bhuineas dhan sgìre agus a tha a' nochdadh anns a' phrògram, ag innse tuilleadh mu na bhios ri fhaicinn.

Programme Website
More episodes