Use BBC.com or the new BBC App to listen to BBC podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Find out how to listen to other BBC stations

Episode details

Radio nan Gàidheal,01 Nov 2026,30 mins

còmhla ris an Urr Ùisdean Stiùbhart

Dèanamaid Adhradh

Available for 29 days

Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas: Salm 90: 1-2 air fonn Bangor agus 's e Calum MacIllFhinnein a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Sràid Ghardner ann an Glaschu Salm 43: 3-3 air fonn Free Church agus 's e D R Dòmhnallach a tha os cionn na seinn agus Salm 133: 1-3 air fonn Stornwoway le Iain Murchadh Màrtainn (Purdy) os cionn na seinn. Chaidh na clàraidhean seo a' dheanamh ann an Eaglais Shaor a' Bhac. Leughadh : Isaiah 65: 1-12 Rugadh agus thogadh Ùisdean Stiùbhart anns an Rubha ann an Leòdhas. Mus deach e gu dreuchd na ministreachd bha Mgr Stiùbhart ag obair aig Roinn an Fhoghlaim aig Comhairle nan Eilean Siar. Nuair a bha e anns an obair seo fhuair e an cothrom coinneachadh ri daoine air feadh nan eilean agus bha seo na chuideachadh agus na thaic mhòr dha nuair a chaidh e chun na dreuchd ùir aige. Chaidh Mgr Stiùbhart a phòsadh ri coitheanal Eaglais na h-Alba an sgìr' Ùig is Bheàrnaraigh anns an Ògmhios 2008. 'S e coitheanal gu math mòr a th' ann a thaobh meud na sgìre agus àite far am faigh thu cuid de na seallaidhean as brèagha ann an Alba. B' ann sa choitheanal seo a bha an dùsgadh a bu mhotha a ghabh àite anns na h-eileanan anns na 1820an. Bha aithrisean ann gun robh mu 7000 neach a' frithealadh sheirbheisean comanachaidh aig an àm sin. Tha Mgr Stiùbhart pòsta aig Seonag Mhoireach agus tha aon bhalach aca, Teàrlach.

Programme Website
More episodes