Episode details

Radio nan Gàidheal,27 Oct 2026,57 mins
Eachdraidh Eilean Fùidheigh, agus an Dà Shealladh
Naoi gu DeichAvailable for 27 days
Tha riaghaltas ùr air fàire dha Serbia, air taobh sear na Roinn Eòrpa. Bha iomairtean agus gearanan oileanach aig cridhe mar a chaill seann riaghaltas Aleksandar Vučić an taghadh, ach cò iad? Bha am fear-naidheachd Ailean Peutan anns an dùthaich airson aithrisean Eòrpa air BBC Alba, agus tha e còmhla ri Cathy gus an suidheachadh a mhìneachadh dhi. Cluinnidh sinn cuideachd mu òraid a bhios aig Catrìona Mhoireach bho Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean an t-seachdain seo air an dàrna sealladh ann an Grinneabhat, air taobh siar Leòdhais. Tha eachdraidh eilean Fhuidheigh, faisg air Beinn na Faoghla, fon phrosbaig cuideachd, agus e air a’ mhargaidh. Ged nach eil daoine a’ fuireach ann a-nise, bha uair ann nuair a bha, agus tha dithis le ceanglaichean teaghlaich ris an eilean ag innse barrachd mu dheidhinn: Alasdair MacEachainn agus Seonag Nic a’ Ghobhainn. Agus tha am fear-naidheachd siubhail Daibhidh Byrne ag innse dhuinn mu eachdraidh bhlasta nan Rionnag Michelin.
Programme Website