Episode details

Radio nan Gàidheal,09 Oct 2026,87 mins
Am film-aithriseach The Last First: Winter K2 agus fèis Tenement Trail
Feasgar an-diughAvailable for 28 days
Nochd am film-aithriseach The Last First: Winter K2 anns na taighean-dhealbh aig toiseach na mìosa, agus tha e a’ leantainn sgioba de luchd-sreap nam beann a dh’fheuch, air ais ann an 2021, ris an dàrna beinn as àirde san t-saoghal, K2, a dhìreadh tro mhìosan a’ gheamhraidh, rud nach deach a dhèanamh roimhe. Tha Niall Iain a’ cluinntinn beachd Malcolm Charles Mhoireach air an fhilm. Tha an fhèis shònraichte Tenement Trail a’ ruith thairis air cuid de na h-ionadan ciùil as ainmeile air taobh an ear Ghlaschu. A-màireach, le aon tiocaid, faodar a dhol eadar na cuirmean anns na h-ionadan eadar-dhealaichte, far am bithear a’ taisbeanadh a’ chuid as fheàrr de luchd-ciùil ùra. Tha Sinead Swann, neo Limonead, a tha a’ gabhail pàirt san fhèis-chiùil, ag innse beagan mu na bhios ri chluinntinn. Agus chan e Dihaoine a th’ ann gun Cheòl na Sgeòil air Feasgar. Mar as àbhaist, tha taghadh de thrì òrain againn a tha a’ freagairt air sgeulachd na seachdain. Thèid an t-òran leis na bhotaichean as motha air Instagram a chluich aig deireadh a’ phrògraim.
Programme WebsiteTracklist
- TrackArtist
- 1.Nothing Here Worth TakingNothing Here Worth TakingDylan John Thomas
- 2.Some Kind Of HighSome Kind Of HighNeiked, Portugal. The Man & NEIKED, Portugal. The Man
- 3.ParadiseParadiseJordan Rakei