Episode details

Available for 28 days
Chan eil lìog ball-coise cho soirbheachail ann ri prìomh lìog Shasainn: ach carson a tha sgiobaidhean ball-coise na h-Alba a' strì nuair a thig e gu farpaisean eadar-nàiseanta? Tha Cathy a' cur nan ceist air feadhainn a tha a' leantainn diofar sgiobaidhean Albannach. Le ainmean na stoirmean air fhoillseachadh son a' bhliadhna tha romhainn, tha Cathy cuideachd a' bruidhinn ri feadhainn a bh' aig muir bliadhnaichean mòra mu na stoirmean a bu mhiosa tron deach iad fhèin. Agus 's ann aig muir a bha Aonghas Moireach fad bhliadhnaichean - bho bhith ag iasgach gu bhith aig muir domhainn aig Denholm's. 'S esan cèiliche na seachdain agus 's iomadh sgeulachd is seanchas a th' aige bho na bliadhnaichean sin.
Programme Website