Use BBC.com or the new BBC App to listen to BBC podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Find out how to listen to other BBC stations

Episode details

Radio nan Gàidheal,01 Sep 2026,57 mins

Innis Tìle is an Roinn Eòrpa, agus cò bh' ann am Murchadh Chro-leatha

Naoi gu Deich

Available for 27 days

Cò th' ann an Natalie Harp? 'S iomadh neach-comhairleachaidh is neach-taic a th' aig Ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte - ach carson a tha Natalie Harp air a bhith fo phrosbaig nam meadhanan? Sin a' cheist a tha an tè-naidheachd Maureen NicLeòid a' freagairt. Cluinnidh sinn cuideachd mu dheidhinn Tom Tugendhat, a tha a-nise na Rùnaire Cèin Dùbhlanach dha na Tòraidhean aig Westminster. Tha Aonghas Mac'IllFhinnein a' toirt dhuinn ro-shealladh air òraid a bheir e seachad a-nochd ann an Hub Coimhearsnachd an t-Òib, mu Mhurchadh Chro-Leatha. Bhòt Innis Tìlich an aghaidh chòmhraidhean leis an Aonadh Eòrpach - ach carson? Tha Iain MacFhionghuin a' fuireach san dùthaich agus a' mìneachadh carson a tha an dùthaich cho ceangailte rin cuid chòirichean fhèin, gu sònraichte mu na h-uisgeachan. Agus tha Gary Fearghasdan a' toirt cunntas dhuinn air na làithean-saora a b' fheàrr a chòrd ris fhèin a-riamh: turas a bheanntan Mhongolia.

Programme Website
More episodes