Episode details

Available for 30 days
Dè th' ann an cobhair laghail, agus ciamar a gheibh daoine taic bhon a' stàit ann an cùisean lagh? Tha an tè-lagha Iona NicIlleBhàin ga mhìneachadh. Cluinnidh sinn cuideachd mu shreath ùr aig Fèis Blas na bliadhna: Còmhraidhean aig a' Chaisteal. Bidh Ingrid NicEanraig a' faighinn facal air diofar luchd-ciùil is seinneadairean. Agus 's i an tè-ealain Deirdre Nì Mhathùna, a bhuineas do dh'Èirinn bho thùs ach a th' air a dachaigh a dhèanamh an Alba an-diugh, cèiliche na seachdain. Còmhradh inntinneach agus beatha-obrach innleachdail dha-rìribh - feuch gum bi sibh ag èisteachd.
Programme Website