Use BBC.com or the new BBC App to listen to BBC podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Find out how to listen to other BBC stations

Episode details

Radio nan Gàidheal,27 Aug 2026,87 mins

ADHD, Duaisean Dèan Diofar agus teicneòlas.

Feasgar an-diugh

Available for 29 days

Tha prògram aithriseach a chaidh a-mach air sianail a ceithir mu ADHD air mòran chonnspaid agus còmhradh adhbharachadh, le gearainean air an dèanamh gu OFCOM, a bhios a’ cumail smachd air na meadhanan, mu bheachdan cuid gu robh iad mì-chreidmheach gu robh an leithid ann. Tha dithis còmhla ri Niall Iain an-diugh aig a bheil eòlas pearsanta air ADHD, Chrissie NicGillìosa a fhuair dearbhadh bho chionn dà bhliadhna, agus Ruairidh Rothach, athar do bhalach òg le òtasaim agus ADHD. Tha'd ag innse mar a fhuair iad an dearbhadh ADHD, agus mar a tha e nochdte nam beatha laitheil. Cò againn nach bi a' gearain gu bheil sinn air fada cus ùine a chur seachad air aplacaidean eadar dhealaichte air fòn laimhe neo uidheam air choireigin? Tha sinn an dùil sùil aithghearr a thoirt air TikTok, Facebook neo Instagram, agus an ath rud tha uairean a thìde air a dhol seachad! Uill tha diofar theicneòlas rim faighinn a chumas smachd oirnn, agus tha an sgioba gu bhith a' beachdachadh air am feum a th' unnta. Agus, anns na seachdainnean seo tha sinn a' cluinntinn beagan mu'n fheadhainn a tha air a’ gheàrr-liosta airson Duaisean Dèan Diofar na bliadhna-sa, duaisean a' BhBC a tha ag amas air daoine a tha a' dèanamh rudan iongantach dha na coimhearsnachdan ionadail aca, agus gan comharrachadh 's gan aithneachadh. An dàrna dhiubh sin an-diugh.

Programme Website
More episodes

Tracklist

  1. Track
    Artist
  2. 1.
    Leaving Lewis
    Leaving Lewis
    Wiilie Campbell
  3. 2.
    Hit The Sky
    Hit The Sky
    Wolf Alice
  4. 3.
    From Ember To Ash To Smoke
    From Ember To Ash To Smoke
    Dean Lewis