Episode details

Available for 19 days
Tro iomadh linn agus thar gach cultar tha òrain air a bhith againn. Ach dè tha a’ toirt oirnn ar guthan a thogail agus carson a tha seinn cho mòr na pàirt de ar fèin-aithne? Thigibh ann an cuideachd Màiri Anna NicUalraig agus i a’ cur na prosbaig air an inneal-ciùil as sine agus as trice a chluinnear; an guth. Anns gach prògram bidh i gar toirt air sgrìob tron iomadh dòigh air òran a lìbhrigeadh, a’ toirt a-steach farsaingeachd de nòsan-ciùil – bho na bliadhnaichean a dh’fhalbh suas chun an latha an diugh. Bidh turas Màiri Anna gar toirt gu gach ceàrnaidh dhen t-saoghal ach aig crìdhe gach prògram an còmhnaidh bidh dualchas beartach nan Gàidheal. Anns a’ phrògram seo, tha Màiri Anna a’ cur na prosbaig air òrain aig a bheil ceangal ri leabhraichean is litreachas agus cluinnear cuideachd bho sheinneadair na seachdain, Eilidh NicChoinnich.
Programme WebsiteTracklist
- TrackArtist
- 1.Wrapped Up In BooksWrapped Up In BooksBelle and Sebastian
- 2.A Rìbhinn ÒgA Rìbhinn ÒgDonald MacRae
- 3.Docteur Jekyll Et Monsieur Hyde SongDocteur Jekyll Et Monsieur Hyde SongSerge Gainsbourg