Episode details

Available for 30 days
'S iad Iain Caimbeul agus Iain X MacÌomhair a tha cuide ri Cathy NicDhòmhnaill an-diugh a' toirt sùil air colbhan beachd nam pàipearan-naidheachd bhon deireadh-sheachdain Tha beagan nas lugha na dà mhios gu Cupa na Cruinne anns na Stàitean Aonaichte, Canada is Meagsago. Tha faisg air deich bliadhna fichead bho bha Alba anns na cuairtean dheireannach 's tha sin a' fàgail gum bi na mìltean de luchd-leantainn na sgioba a' dèanamh air Aimeirigeadh. Ach saoil dè cho math 's a thèid do dh' Alba san fharpais? Ma thèid leotha dh' fhaodadh an turas a bhi gu math cosgail don luchd-leantainn. A' beachdachadh air a' chùis tha triùir aig a bheil eòlas farsaing air saoghal a' bhuill-coise. Tha eòlaichean a’ moladh gun a bhi a’ biathadh nan eun a tha a' nochdadh sna gàrraidhean againn fad mìosan blàth an t-Samhraidh. Mìnichidh Oifigear Coimhearsnachd Comann Rìoghail Dìon nan Eunlaith sna h-Eileanan an Iar , Shona NicIllfhialain, an adhbhar airson seo - gu bheilear airson smachd a’ chumail air trichomonosis, galar gabhaltach a tha mairbhteach do chuid de eòin.
Programme Website