Episode details

Available for 29 days
Sùil air ais air na còmhraidhean mu bheathaichean a th' air a bhith againn air Feasgar thairis na mìosan a chaidh seachad. Tha Emma NicColla ag innse mu dheidhinn na còig briodaichean sònraichte de choin as fhèarr leatha. Tha companaidh nithe is cofhurtachd choin aig Emma agus i eòlach air tòrr diofar sheòrsaichean coin. Aig a' bhliadhna ùr Shìneach chomharraich sinn Bliadhna na h-Eich còmhla ri Màiri Ross a tha air a bhith a’ cumail agus a’ marcachd eich, agus tha i ag innse mu nàdar nan beathach. Tha sinn a' cluinntinn mar a chaidh do Niall Iain nuair a chaidh e a-null a Tàbost, Nis ann an Eilean Leòdhais airson feasgar a chur seachad còmhla ri teaghlach a tha a' ruith gnothachas a' togail agus a' reic chearcan, agus a tha a' cumail a' choimhearsnachd mun cuairt orra ann an uighean blasta. Agus cothrom èisteachd a-rithist ri farpais a chaidh a chumail sa stiùidio air seachdain Crufts. Airson am farpais-choin a chomharrachadh, chuir sinn fàilte air aoighean ceithir-chasach dhan stiùidio le Paul ‘s Buddy, agus Eilidh ‘s Floraidh a’ cèilidh oirnn. Saoil an robh cleasan Buddy agus Floraidh airidh air aite aig Crufts an ath-bhliadhna?
Programme Website