Episode details

Available for 29 days
Tha luaidh ga dhèanamh air Moya Brennan, a chaochail Diluain. B'ì te de phrìomh luchd-ciùil Ceilteach na h-Èirinn. Bha i aithnichte mar prìomh sheinneadear an còmhlan Clannad, a thàinig gu àirde air feadh an t-saoghail 's a choisinn duaisean Grammy agus Bafta. B' e Clannad a chiad còmhlan ciùil a-nochd air Top of The Pops, a' seinn ann an Gaeilge. Tha triùir ann an còmhradh ri Cathy mu deidhinn. Tha casg ga chuir air biadh ròsta agus nithean eile ann a sgoiltean Shasann. Chan fhaod iad tuilleadh roilean-isbeanan neo pizza is nithean eile gan t-seòrsa, a thoirt dhan chloinn. Tha aoighean ann an còmhradh ri Cathy mu na cuimhneachain aca fhèin air diathadan na sgoile. 'S e Ruairidh Màrtainn, cèiliche na seachdain. 'S ann à Siadar a Chladaich air taobh siar Leòdhais a tha Ruairidh. Tha e deaghal air ceòl a mhaileòidean agus air a bhith ga chluich bliadhnaichean mòra. Tha ùidh mhòr aige cuideachd ann a sinnsireachd agus e an sàs ann am pròiseact ùr, mu sluagh agus dualchas ceann a tuath an eilein.
Programme WebsiteTracklist
- TrackArtist
- 1.Theme From Harry's GameTheme From Harry's GameClannad