Use BBC.com or the new BBC App to listen to BBC podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Find out how to listen to other BBC stations

Episode details

Radio nan Gàidheal,16 Nov 2025,30 mins

còmhla ris an Urr Murchadh A MacLeòid

Dèanamaid Adhradh

Available for 29 days

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas: Salm 126: 1-2 air fonn Morven agus 's e Alasdair MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Phort Rìgh Salm 04: 7-8 air fonn Walsall agus 's e Murchadh MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Naomh Chaluim Chille ann an Dùn Èideann Salm 116: 7-8 air fonn Coleshill agus 's e an t-Urr Iain Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Nis. Leughadh: Salm 25: 1-11 Ceann-teagaisg: Salm 25: 6-7 Tha Maighstir MacLeòid na mhinistear air coitheanal Eaglais Shaor Leantainneach Shnìosoirt san Eilean Sgitheanach. Bha e roimhe sin na mhinistear air coitheanal Phartaig agus coitheanal an t-Òib sna Hearadh. Buinidh Mgr MacLeòid, a rugadh ann an 1968, do Bhail' Ailein, ann an sgìre nan Loch, an Eilean Leòdhais. Tha e pòsta aig Isobel a thogadh an Orasaigh, baile beag bòidheach ann an sgìre na Pàirce ann an Leòdhas, agus tha ceathrar chloinne aca.

Programme Website
More episodes