Episode details

Available for 27 days
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm is an leughadh a leanas: Salm 106, 1-3 air fonn St David, os cionn na seinn tha Coinneach Dòmhnallach le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart. Salm 6, 1-2 air fonn Walsall, os cionn na seinn tha Iain MacAsgaill le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Tholastaidh bho Thuath. Leughadh: Daniel 5: 1-6 agus 13-30 Ceann-teagaisg : Daniel 5 Rugadh an t-Urr Murchadh Mac a' Ghobhainn ann am baile Shiadair air taobh siar Eilean Leòdhais. Bha ceathrar anns an teaghlach; e fhèin 's a bhràthair agus dithis pheathraichean. Na òige chaidh e a Bhun-sgoil Airidhantuim agus gu Àrd-sgoil MhicNeacail. Às dèidh an sgoil fhàgail chaidh e a Ghlaschu far an robh e ag obair airson an t-seirbheis chatharra airson grunn bhliadhnaichean. Thàinig atharrachadh na bheatha às dèidh dha athair bàsachadh ann an 1979. Thill e air ais dhachaigh a Leòdhas ann an 1980 agus bha e ag obair air a' chroit airson greis agus an uair sin chaidh e a dh'obair a ghàrradh-ola Àrnais. Às dèidh sin chur e fhèin agus a bhràthair Dòmhnall companaidh togail air chois air an eilean. Phòs e a bhean Alice ann an 1982 agus tha triùir chloinne aca - dithis bhalach agus nighean. Aig toiseach na ceithir ficheadan chaidh Mgr Mac a' Ghobhainn air ais gu foghlam aig àrd ire agus e airson a dhol a-steach airson na ministrealachd. Chaidh e air ais dhan cholaiste ann an Dùn Èideann agus thug e a-mach dreuchd Ministear ann an 1988. Chur e seachad bliadhna a' toirt taic do choitheanal Àrd-eaglais Steòrnabhaigh agus fhuair e an uair sin gairm gu coitheanal Mhànais agus Sgarasta ann an 1989. Bha e anns an aon choitheanal airson còrr air fichead bliadhna gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 2011 air sgàth a shlàinte. Tha Mgr Mac a' Ghobhainn air ais ann am baile Shiadar, air a chumail trang ag obair sa ghàrradh aige fhèin, a' dèanamh tòrr DIY timcheall an taighe agus air obair air leth a dhèanamh sa choimhearsnachd le rathad coiseachd a thogail agus craobhan a-chur timcheall air an abhainn a tha ruith eadar Baile an Truiseil is Siadar.
Programme Website