Main content
This programme will be available shortly after broadcast

Eapasod 8 An Deamhan

Sgeulachdan os-nàdarra mun deamhan à tasglann BBC Radio nan Gàidheal. Supernatural stories about the devil from the BBC Radio nan Gàidheal archive.

B’ e sreath ainmeil a bh’ ann an Soillsich dha BBC Radio nan Gàidheal. Bha Flòraidh NicIllEathain, nach maireann, a’ clàradh agus a’ cruinneachadh sgeulachdan bho air feadh na dùthcha. Chaidh a chraoladh an toiseach ann an 1999.

Bha e cumanta gu leòr sgeulachdan mu mhanaidhean, taibhsean, an dàrna sealladh, sìthichean agus iomadh rud eile a chluinntinn an tac an teine, ach cha b’ e a h-uile duine a bha deònach an innse gu poblach. Seo an ochdamh prògram san t-sreath, agus 's e an Deamhan an cuspair.

Chuala Flòraidh sgeulachdan bho Donnchadh MacMhathain, Rona Lightfoot, Sine Churrie, Iain O Henley, Dòmhnall Ailein MacIosaig, Canon Aonghas MacCuidhein, Catriona Garbutt, Uisdean MacFhionghuin, Nan NicFhionghuin, agus Peigi Dhòmhnallach.

Release date:

30 minutes

On radio

Monday15:30

Broadcasts

  • Monday15:30
  • Next Wednesday20:30
  • Sun 29 Nov 202615:30