
Eapasod 06 Aislingean Pàirt 1
Sgeulachdan os-nàdarra mu bheathaichean. Flora MacLean collected stories about animals affected by supernatural events across Scotland for Soillsich.
B’ e sreath ainmeil a bh’ ann an Soillsich dha BBC Radio nan Gàidheal. Bha Flòraidh NicIllEathain, nach maireann, a’ clàradh agus a’ cruinneachadh sgeulachdan bho air feadh na dùthcha. Chaidh a chraoladh an toiseach ann an 1999.
Bha e cumanta gu leòr sgeulachdan mu mhanaidhean, taibhsean, an dàrna sealladh, sìthichean agus iomadh rud eile a chluinntinn aig an teine, ach cha b’ e a h-uile duine a bha deònach an innse gu poblach. Anns an t-siathamh prògram den t-sreath bha còmhraidhean mun bhuaidh a bha aig cùisean os-nàdarra air beathaichean, gu h-àraidh coin is eich.
Chualas agallamhan le Dòmhnall Iain MacIllinnein, Màiri Dhòmhnallach, Sìne Churrie, Donnchadh MacMhathain, Dòmhnall Eardsaidh Dòmhnallach agus Pàdruig Moireasdan, agus b’ i Màiri Nic a’ Ghobhainn a bha a’ seinn aig an deireadh.
On radio
Broadcasts
- Mon 9 Nov 202615:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 11 Nov 202620:30BBC Radio nan Gàidheal