
Eapasod 04 An droch shùil
Sgeulachdan mun Droch Shùil a bh' air an cruinneachadh le Flòraidh NicIlleathain. Flora MacLean collected stories about the Evil Eye from across Scotland for Soillsich.
B’ e sreath ainmeil a bh’ ann an Soillsich dha BBC Radio nan Gàidheal. Bha Flòraidh NicIllEathain, nach maireann, a’ clàradh agus a’ cruinneachadh sgeulachdan bho air feadh na dùthcha. Chaidh a chraoladh an toiseach ann an 1999.
Bha e cumanta gu leòr sgeulachdan mu mhanaidhean, taibhsean, an dàrna sealladh, sìthichean agus iomadh rud eile a chluinntinn an tac an teine, ach cha b’ e a h-uile duine a bha deònach an innse gu poblach. Anns a’ cheathramh prògram den t-sreath bha na còmhraidhean mun Droch Shùil agus a buaidh, gu h-àraidh air beathaichean.
Chualas agallamhan le Catrìona Garbutt à Beinn na Faoghla, Lachie MacGillIosa à Staffainn, Ruairidh Fearghasdan à Uibhist a Tuath, Màiri Flòraidh NicEachainn à Beinn na Faoghla, Dòmhnall Ailean MacÌosaig à Beinn na Faoghla, an Canan Aonghas MacCuithein à Uibhist a Deas, Eardsaidh Friseal, a leugh sgeulachd, Katie Ann NicIllFhaolain à Uibhist a Tuath, Dòmhnall Eardsaidh Dòmhnallach à Uibhist a Tuath, agus Dòmhnall Iain MacIllinnein, a bha a’ fuireach san Eilean Sgitheanach
On radio
Broadcasts
- Mon 26 Oct 202615:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 28 Oct 202620:30BBC Radio nan Gàidheal