Main content
This programme will be available shortly after broadcast

còmhla ris an Urr Iain M Dòmhnallach

Seirbheis còmhla ris an Urr Iain Murchadh Dòmhnallach, Eaglais na h-Alba air an Tairbeart. Gaelic service conducted by Rev Iain Murdo MacDonald, Tarbert Church of Scotland, Harris.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 63: 1-2 air fonn Kilmarnock agus 's e Dòmhnall MacAmhlaigh a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Cuimhneachaidh Rois.
Salm 42: 1-2 air fonn Glencairn agus 's e Ruairidh Caimbeul a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chrois.
Salm 130: 7-8 air fonn Torwood agus 's e Iain Aonghas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.

Leughadh: 2 Samuel: 23 Rannan: 1-7 agus 13-17
Ceann-teagaisg: 2 Samuel 23: 15 & 17

'S ann do sgìre Bheàrnaraigh a bhuineas Iain Murchadh Dòmhnallach agus chaidh e dhan sgoil san sgìre sin mus deach e a Steòrnabhagh airson foghlaim aig àrd-ìre ann an Sgoil MhicNeacail agus Colaiste a' Chaisteil.

Rugadh agus thogadh Iain Murchadh air croit agus cha robh e na shrainnsear dhan obair chruaidh a bha ri dhèanamh. Bha obair pàirt-ùine aige còmhla ri Roinn na Tèarainteachd Shòisealta agus bha cosnadh cuideachd aige aig aon àm ann an Roinn an Fhoghlaim aig Comhairle nan Eilean Siar.

Dh'atharraich beatha Iain Murdo ann an 1989 agus fhuair e eòlas air beatha a' Chrìosdaidh. Bho thàinig an t-atharrachadh sin na bheatha, bha e a' faireachdainn gum bu chòir dha ceumannan eile a ghabhail agus a dhol a dh'ionnsachadh na ministrealachd. Ann an 1995 chaidh e gu Colaiste na Diadhachd aig Oilthigh Obar Dheathain agus an dèidh a thrèanaidh, chuir e seachad mu bhliadhna gu leth aig Àrd-eaglais Steòrnabhaigh. Ann an 2001 fhuair e gairm bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Nis agus dh'fhuirich e an sin gus an do ghluais e gu coitheanal an Tairbeirt anns na Hearadh.

Tha Iain Murchadh pòsta aig Alison NicDhòmhnaill agus tha triùir chloinne aca.

Release date:

30 minutes

On radio

Next Sunday09:00

Broadcasts

  • Next Sunday09:00
  • Next Sunday15:00