Main content
This programme will be available shortly after broadcast

le Cathy NicDhòmhnaill

Còmhradh, deasbad, cultar agus cur-seachadan. Conversation, discussion, culture and lifestyle.

Tha Murchadh MacLeòid agus Iain Caimbeul air a bhith a' toirt sùil air colbhan-beachd a ghlac an aire ann am pàipearan-naidheachd an deireadh-sheachdain.

Tha The Prime of Miss Jean Brodie ri fhaicinn às ùr air an àrd-ùrlar an-dràsta. Tha sgeulachd ainmeil Mhuriel Spark ri fhaicinn aig Taigh-cluiche Lyceum anns a' bhaile, agus an uair sin a' dol air chuairt gu ruige Glaschu, Obar Dheathain agus Baile Chloichridh. Chaidh John Neil Dòmhnallach ga fhaicinn aig an deireadh-sheachdain, agus tha e ag innse dhuinn mu deidhinn.

Tha Polly Pullar aithnichte mar sgrìobhadair a bhios a' tarraing air àrainneachd, nàdar agus beathaichean. Chaidh an leabhar ùr aice, In the Company of Sheep: From Dartmoor to Shetland, fhoillseachadh o chionn ghoirid. Tha Iain Stephen Moireasdan, aig a bheil caoraich e fhèin, air a leughadh agus tha e ann an còmhradh ri Cathy mu dheidhinn.

Release date:

57 minutes

On radio

Monday09:00

Broadcasts

  • Monday09:00
  • Monday23:25