Main content

Peadar May, Taghadh Taighe agus leirmheas air film mun chòmhlan Pulp

Naidheachdan, còmhradh, spòrs, ceòl agus fealla-dhà le Niall Iain Dòmhnallach. News, chat, sport, music and entertainment with Niall Iain Macdonald.

Chaidh an naidheachd a sgaoileadh an-dè gun do chaochail an sgrìobhadair Albannach ainmeil Peadar May. Bha e ainmeil airson nobhailean eucoir agus sgriobtaichean telebhisein a sgrìobhadh. Bha Iain Mac an Tàilleir ag obair còmhla ri Peadar agus a bhean, Janice, mar sgrìobhadairean air an t-sreath telebhisein Ghàidhlig Machair, agus tha Maureen NicLeòid gu math dèidheil air na leabhraichean aige. Tha iad le chèile ann an cuideachd Niall Iain an-diugh airson luaidh a dhèanamh air aon de na sgrìobhadairean as cliùitiche a bh' ann an Alba.

Nochd am film-aithriseach Pulp: What Do You Do for an Encore? ann an taighean-dhealbh air feadh na Rìoghachd air an ochdamh latha deug den mhìos airson dìreach aon oidhche, agus tha cothrom ann a-nis fhaicinn air seirbheis-sruthaidh. Tha am film, a tha air a stiùireadh le Garth Jennings, a' snìomh film bhon chuairt shoirbheachail aca ann an 2025 le pìosan film bhon dà fhichead bliadhna mu dheireadh. Tha Niall Iain a' cluinntinn bho Michelle NicNeacail, a fhuair cothrom sùil a thoirt air.

Agus cothrom eile cluinntinn mun taigh inntinneach a thagh Niall Bartlett anns an t-sreath Taghadh Taighe.

18 days left to listen

1 hour, 27 minutes

Music Played

  • The Palms

    Maybe

  • LUSA

    Tinseltown in the Rain

  • Martha Reeves & The Vandellas

    Nowhere To Run

    • Going To A Go Go!.
    • Sony Music TV / Columbia.
    • 4 / 1.
  • Pulp

    Disco 2000

    • (CD Single).
    • Island.
    • 6.
  • Wiilie Campbell

    Leaving Lewis

  • Ten Fé

    The Fool

  • Teenage Fanclub

    Day In The Sun

Broadcast

  • Tue 29 Sep 202612:00