
Pròiseact foghlaim Gàidhlig, dòighean-measaidh òtasaim agus òrain mixtape
Naidheachdan, còmhradh, spòrs, ceòl agus fealla-dhà le Emma NicLaomainn. News, chat, sport, music and entertainment with Emma Lamont.
Tha Comann Nàiseanta an Òtasaim air a radh gu bheil aireamh shònraichte de dhaoine nach eil dearbhadh fhaighinn fhathast gu bheil òtasam orra, gu h-àraidh a-measg bhoireannaich agus daoine nas seana. Ach aig an aon àm, tha an Dàma Uta Frith, tè a th’air a bhith uabhasach cudromach ann an rannsachadh otasaim bho na trì ficheadan, air ceist a thogail mu dhaoine a th'air dearbhadh fhaighinn, agus teans ann nach eil e orra idir. Tha ùidh mhòr aig Alasdair Satchel ann an òtasaim agus mar a bha, 's a tha a' dèiligeadh leis, agus tha e còmhla ri Emma.
Tha an dealbhadair Ann Nicleòid a' sàs ann am pròiseact sònraichte air foghlam Gàidhlig ann an Glaschu. Tha i ag innse cò mu dhèidhinn a tha a' phròiseact agus an cuideachadh a tha a dhìth oirre.
Agus 's i Michelle NicNeacail a tha a' taghadh na h-òrain a chuireadh i còmhla air mixtape.
On radio
Broadcast
- Today12:00BBC Radio nan Gàidheal