Main content
This programme will be available shortly after broadcast

le Cathy NicDhòmhnaill

Dè dìreach a th'ann an cìs-beartais, is ciamar a dh'obraicheadh e? Presenter Cathy MacDonald explores what a wealth tax would mean in practice.

Tha poileasaidhean gu leòr gan deasbad am measg nan Làbarach an-dràsta, is ceistean ann mun t-slighe air adhart do riaghaltas Keir Starmer. 'S e cìs-beartais aon phoileasaidh a tha an dà chuid Wes Streeting, seann rùnaire na slàinte, agus Anndra Burnham, mèar Manchester, air moladh. Ach dè bhiodh ann is ciamar a dh'obraicheadh e? Tha an t-eòlaiche ionmhais Coinneach MacMhathain còmhla ri Cathy gus a mhìneachadh.

Cluinnidh sinn cuideachd mu na tha ag adhbhrachadh stoirmean mòra sa Chuan a' Siar - hurricanes - neo typhoons mar a th' aca orra sa Chuan Shèimh. Le seusan an dà seòrsa stoirm sin a' tòiseachadh, a bheil atharrachadh na gnàth-thìde dha-rìribh gan dèanamh nas miosa?

Tha triùir òga a bhios tric a' siubhal air na busaichean - is a' gabhail am brath air siubhal an-asgaidh do dh'òigridh na h-Alba - a' beachdachadh air an diofar a tha siubhal an-asgaidh air a dhèanamh dhaibhsan.

Agus air seachdain "Tha Cùram Cudromach", cluinnidh sinn bho Mharion NicLeòid a tha ag obair ann an roinn a' chùraim, agus Lindsey Charnley aig a bheil leanabh le feumalachdan sònraichte.

Release date:

57 minutes

On radio

Tomorrow09:00

Broadcasts

  • Tomorrow09:00
  • Tomorrow22:55