còmhla ri Niall Iain Dòmhnallach
Naidheachdan, còmhradh, spòrs, ceòl agus fealla-dhà le Niall Iain. News, chat, sport, music and entertainment with Niall Iain.
Tha mòran chòmhraidh air a bhith dol mun adhartas a rinn sgioba ball-coise Hearts as an lìog am-bliadhna, ged a dh'fhàilig orra an lìog a bhuannachadh aig a' cheann-thall. Tha mòran a' cur seo sìos ris an deich millean not a chur Tony Bloom a-steach dhan chluba as t-samhradh a chaidh. Ach cò e Tony Bloom, agus dè a thug air airgead a chur ann an sgioba ball-coise Hearts? Tha Calum Dòmhnallach air a bhith a' dèanamh beagan rannsachaidh.
Chaidh innse gun tèid an leth-ùine anns a' gheama ball-coise 's a' chuairt dheireannach de Cupa na Cruinne a leudachadh airson taisbean far am bi Madonna, Shakira agus BTS a cluich. Tha seo gu mòr anns an fhasain an-diugh aig tachartasan mòra spòrs, ach a bheil iad seo a cuir ris a' gheama, neo a bheil iad nam buaireadh airson na cluicheadairean? Tha Niall Iain a' faighinn beachd bho dhithis.
Agus a' leantainn oirnn leis an t-sreath far a bheilear a' taghadh na h-òrain a chuirear air teip de na h-òrain as fheàrr leat, mixtape, mar a chanar ris, tha Flòraidh NicSteafain ag innse do Niall Iain na h-adhbharan air cùl a taghaidhean.
Last on
More episodes
Music Played
![]()
Daði Freyr
I'm Out and I Wanna Go Home
- Too Much Not Enough.
- Samlist.
- 8.
![]()
The Amazons
Blood on the Bone
- Blood on the Bone.
- Nettwerk Music Group.
- 1.
![]()
Madonna
Hung Up
- (CD Single).
- Warner Bros.
![]()
Future Islands
One Day
- One Day / The Ink Well.
- 4AD.
- 1.
![]()
Gabriella Cilmi
Sweet About Me
- (CD Single).
- Island.
![]()
The Pogues
Tuesday Morning
- The Pogues - The Ultimate Collection.
- Warner Strategic Marketing.
![]()
Tide Lines
Alright
Broadcast
- Tue 19 May 202612:00BBC Radio nan Gàidheal

