Main content

còmhla ris an Urr Calum I MacLeòid

Seirbheis còmhla ris an Urr Calum Iain MacLeòid, Eaglais Fearann na Tòiseachd agus Ruigh Sholais. Service with Rev Calum I MacLeod, minister of Ferintosh & Resolis Free Church.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus na leughaidhean a leanas:
Salm 89: 1-2 air fonn London New agus 's e Murchadh Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Scalpaigh
Salm 68: 7-8 air fonn Montros agus 's e Dòmhnall MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Stafainn
Salm 122: 7-9 air fonn New Cambridge agus 's e Aonghas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh

Leughadh: Lucas 9: 23-26
Galàtianaich 6: 12-18

Ceann-teagaisg: Galàtianaich 6: 14

Mus deach e os cionn coitheanal Fearann na Tòiseachd agus Ruigh Sholais bha an t-Urr Calum Iain MacLeòid airson ochd bliadhna os cionn coitheanal Eaglais Shaor a’ Bhac agus roimhe sin bha e os cionn coitheanal Bharabhais. Mus deach e a-steach airson na ministrealachd, bha e na mhanaidsear air Pròiseact Urras Choimhearsnachd Chalanais agus nan Geàrrannan air taobh siar Leòdhais.

'S ann do dh'eilean Sgalpaigh a bhuineas Calum Iain, agus bha e na Chrìosdaidh bho bha e trì-bliadhna-deug. Tha e fada an comainn an Urramaich Alasdair Mac a' Ghobhainn, a bha na mhinistear ann an Eaglais Shaor Sgalpaigh aig an àm, airson an taic agus an stiùireadh a thug e dha na òige.

Tha e pòsta aig Dina agus tha triùir chloinne aca, Anne Marie, Rachel Kate agus Eilidh. Nuair a gheibh e ùine dha fhèin, is toigh leis a bhith ag iasgach, a' coiseachd agus a' coimhead eunlaith. Am bliadhna tha an t-Urramach Calum Iain MacLeòid na Mhoderàtair air Àrd Sheannadh na Bliadhna seo a tha gabhail àite thairis air na làithean seo.

19 days left to listen

30 minutes

Broadcasts

  • Sun 17 May 202609:00
  • Sun 17 May 202615:00