
còmhla ri Niall Iain Dòmhnallach
Naidheachdan, còmhradh, spòrs, ceòl agus fealla-dhà le Niall Iain. News, chat, sport, music and entertainment with Niall Iain.
Tha a’ bhliadhna as soirbheachail bhon t-siathamh linn deug air a bhith aig a’ chorra ann an Alba airson briodadh. Sheall suirbhidh a rinn Comann Rìoghail Dìon nan Eun gu robh deich chàraidean thairis air Alba air brideachadh ann an 2025. Tha Shona NicGillFhialain bho Chomann Rìoghail Dìon nan Eun còmhla rinn airson innse dè seòrsa eun a th' anns a' chorra, agus carson a thathas a’ cur uidhear de dh’ fhàilte air an naidheachd seo.
Thèid bùthan-obrach an cumail ann an Steòrnabhagh air an deireadh-sheachdain do luchd-ciùil thraideasanta. 'S iad Ealan agus Cultur Tradiseanta na h-Alba a tha gan cumail do dhaoine a tha a' coimhead ri clàr neo cuairt a chur air dòigh. Tha an tuilleadh aig Brian O' hEadhra bhon a' bhuidheann.
Agus 's e an-diugh a' chiad là de shreath ùr far a bheil sinn a' toirt rudeigin as a' phreas, neo as a' frids, dhan chòcaire Uisdean Macleòid agus ag iarraidh air dà reasabaidh gu math eadar dhealaichte a dhèanamh. An dùil dè a nì e le lioman?
On radio
More episodes
Previous
Next
Broadcasts
- Today12:00BBC Radio nan Gàidheal
- Today21:00BBC Radio nan Gàidheal