
còmhla ri Emma NicLaomainn
Naidheachdan, còmhradh, spòrs, ceòl agus fealla-dhà le Emma. News, chat, sport, music and entertainment with Emma.
Tha an t-slighe, a 'Via degli Dei', a' dol eadar Bologna agus Florence anns an Eadailt, agus gach bliadhna bi mòran a' feuchainn air, air baidhseagal, ga choiseachd neo ga ruith mar a rinn Ceit Bradley agus a caraid. Tha Ceit ag innse do dh' Emma mar a chaidh leotha leis an dùbhlan a' ruith fad ceud agus deich cileameatair air fhichead thairis air còig làithean.
Chan eil rian nach robh dùbhlan neo dhà aig sgioba Artemis II air an turas timcheall na gealaich. Tha Iain MacGillEain a' toirt sùil air ais air na dh' ionnsaich NASA agus dè a-nis na ceumannan air adhart?
Agus tha sinn a' tòiseachadh sreath ùr far a bheilear a taghadh na h-òrain as fheàrr leat airson teip, 'mix tape' mar a thathas a gabhail air. A-measg nan deich òrain bi òran a tha a' toirt laithean d' òige nad chuimhne agus òran a tha math èisteachd sa chàr. An dùil dè bhios ri chluinntinn air teip Marie NicMhathain?
On radio
More episodes
Previous
Next
Broadcasts
- Tomorrow12:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tomorrow21:00BBC Radio nan Gàidheal