Main content

Litir do Luchd-ionnsachaidh 1395

Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir àireamh 1395. Roddy Maclean reads this week's letter for Gàidhlig learners.

29 days left to listen

5 minutes

Litir 1395: Màiri NicEalair (3)

Chaidh Màiri NicEalair, a bhana-bhàrd Abrach, a dh’fhuireach ann an Dùn Èideann ann an ochd ceud deug, seachdad ’s a sia (1876). Ceithir bliadhna an dèidh sin, dhealaich i bhon duine aice. Cha robh mòran airgid aice agus bha i a’ fuireach ann an seòmraichean air mullach teanamant.

Ach bha beartas cultarach aice oir fhuair i eòlas air daoine a bha an sàs ann an adhartachadh na Gàidhlig. Bha i eòlach air Alasdair MacIlleMhìcheil a bha a’ cruinneachadh beul-aithris, agus air Iain MacMhuirich, a bha a’ deasachadh a’ phàipeir-naidheachd, The Highlander

Bha i cuideachd eòlach air a’ Phroifeasair Iain Stiùbhart Blackie, a bha a’ coiteachadh airson Cathair Cheiltis ann an Oilthigh Dhùn Èideann, agus air Niall MacLeòid, am bàrd Sgitheanach. Nuair a dh’fhoillsich MacLeòid an cruinneachadh de bhàrdachd aige – Clàrsach an Doire – sgrìobh Màiri dàn a bha a’ moladh a chuid obrach.

Goirid an dèidh dhi a dachaigh a dhèanamh ann an Dùn Èideann, chaidh inbhe shònraichte a bhuileachadh oirre. Chaidh a taghadh mar Bhàrd do Chomunn Gàidhlig Inbhir Nis. Bha an Comunn dìreach còig bliadhna a dh’aois ach bha e a’ fàs cliùmhor, agus ’s e urram a bh’ ann do Mhàiri, aig àm nuair nach robh boireannaich a’ faighinn aithne mar a bhitheadh an-diugh.

Sgrìobh i agus leugh i dàn airson Co-chruinneachadh a’ Chomuinn ann an ochd ceud deug, seachdad ’s a sia (1876). ’S e dàn mòr a bh’ ann, anns an robh còrr is trithead rann. ’S e an tiotal a bh’ air ‘Còmhradh eadar am Bàrd ’s a’ Chlàrsach’. Anns an dàn, tha a’ chlàrsach ag innse don bhàrd mar a tha i gun chomas ceòl a dhèanamh a chionn ’s gu bheil i brònach mu chall nan daoine ann an glinn na Gàidhealtachd.

Bha Màiri dlùth ris an Urramach Alasdair MacGriogair, a bha an sàs ann an Comunn Gàidhlig Inbhir Nis, agus a bha taiceil dhi. Nuair a chaochail e, sgrìobh i marbhrann dha a nochd ann an Tìm an Òbain. Tha e stèidhichte air ruitheam an òrain ainmeil on ochdamh linn deug, a bha cuideachd air a sgrìobhadh le boireannach – Mo Rùn Geal Òg. Seo rann bhuaithe:

Fhir na h-aghaidh a bha màlda

Gum bu chàirdeil thu dhòmhsa,

Fhir a’ ghuth bha cho ciùin,

Ri osag chùbhraidh an Ògmhios,

Bha do làmh mar an sìoda

Ann am mìnead ’s am bòidhchead,

’S truagh nach fhaic mi ’m fèith-gàire

A bha nad bhlàth-shùil an-còmhnaidh

An tìr nam beò.

Choisinn Màiri cliù mar bhàrd agus thàinig i gu aire na Banrigh Bhictoria. Bha Màiri toilichte gun robh a’ Bhanrigh taiceil don Ghàidhlig. Ann an ochd ceud deug, ochdad ’s a ceithir (1884), fhuair i cùmhnant airson an dàrna leabhar de Queen Victoria’s Highland Journal eadar-theangachadh gu Gàidhlig. Ge-tà, cha robh an teachd a-steach a bha an cois a cuid sgrìobhaidh mòr gu leòr. Cha b’ urrainn dhi a màl a phàigheadh airson an àite-fuirich aice, agus ghluais i a-steach còmhla ri a piuthar-chèile a bha na banntrach. 

Ann an ochd ceud deug, ochdad ’s a seachd (1887) fhuair i taic airgid bho mhaoinean poblach. Chùm iad sin a’ dol i, ach bha i a-nise a’ fulang droch shlàinte. Cha bhiodh air fhàgail aice ann an tìr nam beò ach trì bliadhna. Bheir sinn sùil air deireadh a beatha agus air an dìleib aice anns an ath Litir.

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: Màiri NicEalair: Mary MacKellar; Alasdair MacIlleMhìcheil: Alexander Carmichael; cliùmhor: prestigious; marbhrann: elegy; Tìm an Òbain: The Oban Times; sìoda: silk.

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: dhealaich i bhon duine aice: she separated from her husband; seòmraichean air mullach teanamant: rooms at the top of a tenement; an sàs ann an adhartachadh na Gàidhlig: involved in the promotion of Gaelic; Iain MacMhuirich, a bha a’ deasachadh a’ phàipeir-naidheachd: John Murdoch, who was editing the newspaper; Iain Stiùbhart Blackie, a bha a’ coiteachadh airson Cathair Cheiltis ann an Oilthigh Dhùn Èideann: John Stuart Blackie, who was lobbying for a Chair of Celtic at the University of Edinburgh; nuair a dh’fhoillsich MacLeòid an cruinneachadh de bhàrdachd aige: when MacLeod published his collection of poetry; sgrìobh Màiri dàn a bha a’ moladh a chuid obrach: Mary wrote a poem that was praising his work; chaidh inbhe shònraichte a bhuileachadh oirre: she was awarded a special status; tha a’ chlàrsach ag innse don bhàrd mar a tha i gun chomas ceòl a dhèanamh: the harp tells the poet how she is unable to make music; a chionn ’s gu bheil i brònach mu chall nan daoine ann an glinn na Gàidhealtachd: because she is sad about the loss of the people in the glens of the Highlands; dlùth ris an Urramach Alasdair MacGriogair: close to the Rev Alexander MacGregor; fhir a’ ghuth bha cho ciùin: dear man of the mild voice; ri osag chùbhraidh an Ògmhios: as a fragrant June breeze; ’s truagh nach fhaic mi ’m fèith-gàire: it’s a pity I shall not see you’re the smile; bha nad bhlàth-shùil an-còmhnaidh: that was always in your warm eyes; an tìr nam beò: in the land of the living.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: Chaidh a taghadh mar Bhàrd do Chomunn Gàidhlig Inbhir Nis: she was elected as Bard to the Gaelic Society of Inverness. When creating a past passive with rach ‘to go’, in the absence of a noun (e.g. chaidh Màiri a thaghadh) we insert the possessive pronoun. The verbal noun, here in terminal position, is lenited according to rules governing possessives viz. chaidh mo thaghadh ‘I was elected’; chaidh do thaghadh ‘you were elected’; chaidh a thaghadh ‘he was elected’; chaidh a taghadh ‘she was elected’; chaidh ar taghadh ‘we were elected’; chaidh ur taghadh ‘you pl. were elected’; chaidh an taghadh ‘they were elected’.

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: Goirid an dèidh dhi a dachaigh a dhèanamh ann an Dùn Èideann: shortly after she had made her home in Edinburgh.

Broadcast

  • Yesterday13:55

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast