Main content
This programme will be available shortly after broadcast

còmhla ris an Urr. Tomaidh MacFhionghuin

Còmhla ris an Urr. T MacFhionghuin bho 2011 nuair a bha e os cionn coitheanal Chille Mhoire agus Lagaidh Eararaidh. Archive service from 2011 with Rev. Tommy MacKinnon.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:

Salm 34: 1-2 air fonn Walsall agus os cionn na seinn bha Eòin Dòmhnallach le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba, Port Rìgh.

Salm 27: 13-14 air fonn Torwood agus os cionn na seinn bha Iain Mac a' Ghobhainn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba am Barabhas Leòdhais.

Salm 19: 9-10 air fonn Stornoway agus os cionn na seinn bha Ailig MacÌomhair le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Cille Mhoire.

Leughadh: Eòin 10: 1-18

'S ann às an Aodann Bhàn, san Eilean Sgiathanach, a tha Mgr MacFhionghuin agus chaidh e gu Àrd-Sgoil Phort Rìgh gus an robh e còig-deug. Às dèidh an sgoil fhàgail, fhuair e obair a' càradh innealan.

Phòs e a bhean, Julia, ann an 1975 agus bha triùir chloinne aca. Às dèidh tubaist le car ann an 1984, cho-dhùin Mgr MacFhionghuin gun robh e dol a dhèanamh foghlam aig àrd-ìre agus thill e air ais dhan sgoil ann an 1989/90 far an d' fhuair e teisteanas ann an Gàidhlig, Beurla agus Nuadh-Eòlas. Dh'aontaich Eaglais na h-Alba a ghabhail airson trèanadh a bhith na mhinistear agus chaidh e gu Oilthigh Obar Dheathain.

Bha Mgr MacFhionghuin na mhinistear ann an sgìre Earra-Ghàidheal airson dà bhliadhna agus an uairsin chaidh e a dh'Uibhist a Tuath far an robh e seachd bliadhna, agus às an sin gu siorrachd Rois far an robh e na mhinistear ann an Cille Mhoire agus Lagaidh Eararaidh. Bha Mgr MacFhionghuin mu dheireadh a' searmonachadh ann an diofar choitheanalan aig an Eaglais Shaor agus Eaglais na h-Alba.

Tha ùidh mhòr aig Mgr MacFhionghuin ann an innealan, gu h-àraidh ann an motair-baidhsagalan ged nach bi e a' dèanadh na h-uidhir leotha a-nise.

30 minutes

Broadcasts

  • Sun 17 Sep 202321:00
  • Tomorrow21:00