Main content

An Dr Urr Ruairidh MacLeòid, Eaglais na h-Alba

Seirbheis bho 1993 còmhla ris an Dr Urr Ruairidh MacLeòid nach maireann bho Eaglais na h-Alba. Gaelic archive service from 1993 conducted by the late Rev Dr Roddy MacLeod.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus na leughaidhean a leanas:
Salm 68: 7-8 air fonn London New agus 's e an t-Urr Donnchadh MacFhionghuin a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Port Rìgh.

Salm 16: 5-7 air fonn Stornoway agus 's e Aonghas MacAoidh a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.

Leughaidhean:
Salm 124: 1-6
1 Corintianaich 15: 12-20

Fhuair sinn an naidheachd dhuilich gun do chaochail an Dotair Urramach Ruairidh MacLeòid air 9 Cèitean. Bha an Dr Urr MacLeòid air a bhith air leth taiceil dhuinn ann an iomadach dòigh thar nam bliadhnaichean, a’ toirt thugainn seirbheisean agus smuaintean cho tric 's a b’ urrainn dha. Tha sinn a’ cuimhneachadh air a bhean 's air an teaghlach air fad aig an àm dhuilich seo.

Rugadh Ruairidh MacLeòid ann an Loch nam Madadh agus bha e na mhinistear ann an Cumlodain, Taobh Loch Fìn agus Loch Geàrr bho 1985 gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 2012. Bha e 21 bliadhna mar mhinistear ann am Beàrnaraigh na Hearadh mus tàinig an cabhsair.

Bha e cuideachd an sàs ann an grunn bhuidhnean Gàidhlig, leithid Urras MhicCaoig agus Comann Litreachas na h-Alba, a bharrachd air comataidhean Gàidhlig san eaglais, agus bha e na dheasaiche air na Duilleagan Gàidhlig aig Eaglais na h-Alba airson iomadh bliadhna. Bhiodh e cuideachd a' cumail seirbheisean Gàidhlig mhìosail ann am Meadhan Earra-Ghàidheal agus anns an Òban. Chaidh urram MBE a bhuileachadh air an Dr Urr Macleòid airson a shaothair dhan Ghàidhlig 's dhan choimhearsnachd.

26 days left to listen

30 minutes

An Dr Urr Ruairidh MacLeòid

An Dr Urr Ruairidh MacLeòid

Broadcasts

  • Sun 25 Jun 201721:00
  • Sunday21:00