Main content
This programme will be available shortly after broadcast

An t-Urr Iain Moireasdan, an Eaglais Shaor Leantainneach, 2007

Seirbheis bho 2007 còmhla ris an Urr Iain Moireasdan, an Eaglais Shaor Leantainneach. A Gaelic service from 2007 with Rev John Morrison, Free Church of Scotland Continuing.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm is leughadh a leanas:

Salm 90: 1-2 air fonn Walsall agus 's e Iain MacIllEathain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh

Salm 119: 49-50 air fonn Torwood agus 's e Coinneach Caimbeul a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Naomh Chaluim Chille ann an Dùn Èideann

Salm 116: 7-8 air fonn Ballerma agus 's e Dòmhnall MacSuain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Sgalpaigh.

Leughadh: Ròmanaich 4:1-18

Ceann-teagaisg: Ròmanaich 4:18

Rugadh agus thogadh an t-Urr Iain Moireasdan ann an Eilean Bheàrnaraigh far an robh athair na mhiseanaraidh. Bha seachdnar anns an teaghlach aca, còignear nighean agus dithis bhalach. Bhàsaich athair ann an 1944 agus thill an teaghlach a Sgalpaigh.

Às dèidh an sgoil fhàgail, chaidh an t-Urr Moireasdan a dh'obair a Ghlaschu agus chaidh e an uair sin air cùrsa einnseanaireachd ann an Colaiste Stow airson dà bhliadhna. Chuir e seachad dà bhliadhna aig muir agus thill e air ais a Steòrnabhagh far an do chuir e air chois gnìomhachas einnseanaireachd aig Eilean nan Gobhar.

Chaidh iompachadh ann an 1966 tro mhinistrealachd an Urr Iain Moireasdan a bha aig an àm sin os cionn coitheanal Chrois ann an Nis. Chaidh an t-Urr Moireasdan air ais a Ghlaschu agus gu Oilthigh Ghlaschu, agus an uair sin gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann airson dreuchd na ministrealachd a thoirt a-mach.

Chaidh a phòsadh ri coitheanal na h-Eaglaise Saoire anns a' Ghearastan ann an 1975. Dh'fhuirich e ann an sin gu 1992 nuair a chaidh a phòsadh ri coitheanal Shiaboist an Eilean Leòdhais. Ann an 1999 chaidh a phòsadh ri coitheanal Chille Mhoire far an robh e gus an robh sgaradh san eaglais ann an 2000. Dh'fhuirich an t-Urr Moireasdan ann an Cille Mhoire far an do thog coitheanal na h-Eaglaise Saoire Leantainnich eaglais ùr air an do rinn Mgr Moireasdan tòrr dhan obair. Dh'fhosgail an eaglais ann an 2006.

Leig an t-Urr Moireasdan dheth a dhreuchd mar mhinistear air a' choitheanal ann an 2010 agus ghluais e a dh'Inbhir Nis, agus an uairsin nas fhaisg air an aon nighean aca a bh' ann am Brùra. Bhàsaich a bhean, Agnes, an uiridh.

Tha Mgr Moireasdan air grunn leabhraichean soisgeulach a sgrìobhadh agus bidh e a' cur seachad tòrr ùine a' leughadh agus a' sgrìobhadh.

30 minutes

Broadcasts

  • Sun 19 Mar 201721:00
  • Sunday21:00