
A' leantainn an neach-naidheachd Alasdair MacAmhlaigh air an t-slighe chun na ministrealachd. From reporter to preacher - the road to the ministry with Alasdair MacAulay.
Anns a' chiad phrògram dh'fhàg sinn Alasdair agus e deiseil dhan Cholaiste agus e ag ullachadh airson cead-searmonachaidh fhaighinn agus a bhith air a shuidheachadh mar mhinistear. An uairsin bhiodh e an dòchas gum faigheadh e fios bho choitheanal gu robh iad ga iarraidh mar mhinistear. Chan eil e ceadaichte do choitheanal fios a chuir gu duine gus am bi iad air cead-searmonachaidh fhaighinn. Anns a' phrògram seo tha sinn a' leantainn Alasdair 's a theaghlach 's iad a' siubhal a Leòdhas agus aige ri dhol air beulaibh ministearan clèir Leòdhais agus na Hearadh.
Bha Màiri gun chadal agus srann aig Alasdair, bha lèine ri iarnaigeadh agus brògan rin càradh! Leis a sin bha cùisean beagan riaslach anns an taigh ann an Nis air a' mhadainn chudromach ud agus Alasdair a' dol air beulaibh na clèir .
Am faigh e air na ceistean a fhreagairt? Am faigh e cead-searmonachaidh? An gabh e na bòidean? Agus ma shoirbhicheas leis, dè an ath cheum airson Alasdair agus a theaghlach?
Last on
Fear-naidheachd gu Searmonaiche
Ag obair

Alasdair a' toirt sùil mhionaideach troimhn na leabhraichean a mhadainn mas tig e air beulaibh clèir Leòdhais agus na Hearadh airson cead-searmonachaidh.<?xml:namespace prefix = o ns = "urn:schemas-microsoft-com:office:office" />
Iarnaigeadh

Dè an ath cheum airson Alasdair agus a theaghlach?

Broadcasts
- Tue 17 Dec 201313:30BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 17 Dec 201322:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 22 Dec 201310:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 28 May 201413:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 28 May 201422:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 1 Jun 201410:30BBC Radio nan Gàidheal