Iarrtasan aiseig Cathraiche Còmhdhail CnES
- Air fhoillseachadh

'S i an dàrna bàta-aiseig eadar Uibhist, na Hearadh agus an t-Eilean Sgitheanach, bàta-aiseig a bharrachd a Leòdhas agus goireasan nas fheàrr do dh'iasgairean ann an Loch nam Madadh cuid de na dh'iarradh Cathraiche Comataidh Còmhdhail agus Bun-Structair Comhairle nan Eilean Siar.
Bha Ùisdean Robasdan a' bruidhinn agus Stiùiriche Coimhearsnachd ChalMac, Brian Fulton, ann an Leòdhas an t-seachdain seo 'son chòmhraidhean ris a' Chomhairle.
Tha seo mar phàirt de dh'oidhirp ChalMac barrachd chonaltraidh a dhèanamh leis a' choimhearsnachd.
Chaidh gealltainn dreuchd stiùiriche coimhearsnachd agus bòrd coimhearsnachd ùr a stèidheachadh san tagradh aig CalMac airson seirbheisean aiseig a' chosta an iar a ruith.
Bheir am bòrd ùr guth, thuirt iad, dha na coimhearsnachdan air a bheil iad a' frithealadh.
Thuirt Comhairle nan Eilean nan Siar gum faigh iad am fiosrachadh as ùire mun chonaltradh a tha a' dol agus mu a bhith a' stèidheachadh bòrd ùr aig coinneimh na seachdain seo.
Chaidh Aonghas Caimbeul, a bha roimhe na cheannard air Comhairle nan Eilean Siar, a thaghadh mar chathraiche air a' bhòrd sa Lùnastal.
Cha deach buill eile a' bhùird a thaghadh fhathast.
Cothrom
Chuir an Comh. Ùisdean Robasdan fàilte air a' chothrom bruidhinn ri CalMac mu na nithean a bu chaomh leotha-san fhaicinn.
"Tha iarrtas làidir ann airson aiseig a bharrachd gu h-àraid as t-Samhradh eadar Steòrnabhagh agus Ulapul agus tha iarrtas ann 'son an "triangle" mar gum biodh, a bhriseadh suas airson gum biodh aiseag à Ùige chun an Tairbeirt, agus aiseag à Ùige a Loch nam Madadh.
"'S ann as t-Samhradh a tha cudrom a' tighinn air na seirbheisean a tha sin le barrachd agus barrachd luchd-turais a' tighinn chun nan eilean agus tha iad gu math cudromach dhan eaconamaidh againn agus tha mi a' faicinn air a' bhliadhna seo fhèin gu bheil luchd-turais a' fuireach nas fhaide agus nas fhaide sna h-eileanan.
Thuirt Mgr Robasdan cuideachd gu bheil e duilich dha iasgairean faighinn à Loch nam Madadh.
"A h-uile là den t-seachdain tha iad airson faighinn air falbh a h-uile madainn 's cha ghabh sin dèanamh agus tha obair iasgaich gu math, gu math cudromach dhuinn cuideachd sna h-eileanan.
"Mar sin tha tha e uabhasach cudromach dhuinn gum faigheamaid am maorach a tha a' dol gu na margaidhean san Roinn Eòrpa làithean aig uair sa mhadainn airson faighinn sìos gu Glaschu agus air adhart," thuirt Mgr Robasdan.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh1 An t-Sultain 2017

- Air fhoillseachadh14 An t-Iuchar 2017
