Sreath uabhais Ghàidhlig ùr a’ dol gu muir

Loch nam Madadh / Wolf Bay is the new heart-pumping short-form horror series

Foillsichte: 12:30f, 7mh dhen Dàmhair 2026
Two people appear in the narrow corridor of a boat. The image is dimly lit by a red glow. Both characters look at something off screen with concern.
(Image: Sonja Blietschau / Storyboard Studios)

A’ nochdadh air BBC iPlayer agus YouTube ro Oidhche Shamhna, tha Loch nam Madadh / Wolf Bay na shreath uabhais ghoirid a bheir clisgeadh àsad, mu thuras aiseig a tha a’ dol uabhasach ceàrr.

Air a chruthachadh agus air a sgrìobhadh le Claire Aza-Selinger, le Maureen NicLeòid mar cho-sgrìobhadair, tha na sia prògraman tarraingeach, deich mionaidean a dh’fhaid, a’ leantainn Aonghas (Andrew MacInnes, An t-Eilean), a tha a’ tilleadh gu Uibhist a Tuath air èiginn airson tiodhlacadh a sheanair. Tha e an dòchas tilleadh gun fhiosda, ach mar a thachras, ’s ann a tha e glaiste air aiseag còmhla ri a sheann leannan, Màiri (Ellen NicDhòmhnaill, Bannan), an leannan ùr aice, Cailean (Alasdair Jordan, a’ nochdadh air an sgrìn airson a’ chiad uair), agus a màthair rag, Mairead (Elspeth Turner, An t-Eilean).

Dìreach nuair a tha Aonghas den bheachd nach urrainn cùisean fàs dad nas miosa, tha e a’ tighinn tarsainn air rudeigin oillteil sa chafaidh – agus chan e am mac ’n’ cheese a th’ ann...

Fhad ‘s tha am bàta a’ seòladh tro uisgeachan chunnartach Loch nam Madadh, feumaidh Aonghas dèiligeadh ris na deamhain aige fhèin agusair an olc dìomhair a tha air bòrd. Am mair e tron oidhche? An sàbhail e an luchd-siubhail? Agus an rèitich e cùisean le Màiri?

Is e Loch nam Madadh / Wolf Bay a’ chiad dràma Ghàidhlig a-riamh a chaidh a chruthachadh gu sònraichte do dhaoine eadar 18 is 24 bliadhna a dh’aois a bhios a’ coimhead susbaint air na h-innealan aca. Tha na prògraman goirid, deich mionaidean a dh’fhaid, a’ gluasad aig astar a chuireas eagal do bheatha ort – le clisgean glic, àbhachdas tioram, agus sgeulachd gaoil a bhlàthaicheas an cridhe as fhuaire. Tha lùths, misneachd agus sealladh dàna aig teis-meadhan an dràma ùr seo bho BBC ALBA agus BBC Scotland. Mar a tha an t-òran a’ dol – ‘s truagh nach do dh’fhuirich mi tioram air tìr’...

Thuirt Natalie Humphreys, Àrd-Riochdaire Storyboard Studios: “Nuair a thòisich sinn air seo a leasachadh an toiseach, bha fios againn gun robh rudeigin air leth sònraichte agus eadar-dhealaichte againn. Bha sinn an uairsin air leth fortanach gun tàinig sgioba chleasaichean agus luchd-obrach cho tàlantach air bòrd. Tha a h-uile duine, air beulaibh agus air cùl a’ chamara, air an cridhe agus an anam a chur ris a’ phròiseact, agus tha sinn air bhioran a bhith ga shealltainn do luchd-amhairc.”

Thuirt Uilleam MacLèoid, Deasaiche Coimiseanaidh aig MG ALBA: “Seo aon de na beachdan as èibhinn agus as sònraichte a thàinig thugam a-riamh – sreath air leth ghlic a tha a’ measgachadh aoir sheòlta le blàths agus seun. Seo sreath uabhais a shluigeas tu slàn!

Thuirt Gavin Smith, Deasaiche Coimiseanaidh aig BBC Scotland: “Tha sinn air leth toilichte a bhith air tighinn còmhla ri BBC ALBA airson an turas fhiadhaich seo, air bòrd aiseig ann an èiginn. Tha Claire agus Maureen air sreath iongantach de phrògraman goirid a sgrìobhadh a tha a cheart cho èibhinn ’s a tha iad eagallach. Tha Wolf Bay mar phàirt de ro-innleachd BBC Scotland gus barrachd susbaint ‘digital-first’ a chruthachadh, agus tha sinn cinnteach gu bheil an luchd-amhairc deiseil airson beagan uabhais!”

Thuirt Kieran Hannigan, Ceannard Dràma Sgriobhte aig Sgrìn Alba: “Tha e mìorbhaileach gun deach againn air taic a thoirt do Loch nam Madadh, dràma Ghàidhlig dàna, ‘digital-first’, a tha ag amas air luchd-amhairc òga inbheach. Tha an t-sreath a’ measgachadh comadaidh, uabhas agus romansa, agus a’ toirt guth ùr, sònraichte chun na sgrìn. Tha i a’ seasamh gu pròiseil ri taobh phròiseactan soirbheachail eile leithid An t-Eilean, agus a’ riochdachadh dealas leantainneach Sgrìn Alba a thaobh leasachadh dràma Ghàidhlig.”

Tha Loch nam Madadh / Wolf Bay air a riochdachadh le Storyboard Studios airson MG ALBA, BBC Scotland agus Sgrìn Alba.

Chaidh an t-sreath a chruthachadh agus a sgrìobhadh le Claire Aza-Selinger, le Maureen NicLeòid mar cho-sgrìobhadair, an dithis aca le chèile às na h-Eileanan an Iar. ’S e Alasdair MacGhillEathain an stiùiriche, le Parker Dawes còmhla ris mar stiùiriche fo sgàil. ’S i Natalie Humphreys an t-àrd-riochdaire, Lauren Lamarr na h-àrd-riochdaire comhairleachaidh, Misha McCullagh na riochdaire, Penny Davies agus Kevin Walker nan co-riochdairean, agus Keir Greatorex na dheasaiche. ’S e Uilleam MacLèoid Deasaiche Coimiseanaidh MG ALBA, Gavin Smith Deasaiche Coimiseanaidh BBC Scotland, agus Bella Barber-Flemming Àrd-Riochdaire Sgrìn Alba.

Bidh Loch nam Madadh / Wolf Bay ri fhaighinn air BBC iPlayer agus air seanail YouTube BBC ALBA bho Dhihaoine 23 Dàmhair.

JG2

Big Question. Even Bigger Answer.

What has the BBC ever done for me?

Find out more about the BBC's impact on the UK

Follow For More

Latest from the Media Centre

All news

Search by Tag:

Atharraich cànan:

Rebuild Page

The page will automatically reload. You may need to reload again if the build takes longer than expected.

Useful links

Demo mode

Hides preview environment warning banner on preview pages.

Theme toggler

Select a theme and theme mode and click "Load theme" to load in your theme combination.

Theme:
Theme Mode: