Geoimeatraidh
Pythagoras
Faodar teoram Phythagoras a chleachdadh airson faid an treas taoibh aig triantan ceart-cheàrnach obrachadh a-mach ma tha faidean an dà thaoibh eile agad.

Factar-sgèile
Cleachd factar-sgèile gus cumadh a mheudachadh/lùghdachadh. Ma tha faid a dhìth air cumadh lùghdachaidh/meudachaidh, thèid agad air obrachadh a-mach le bhith a' lorg an fhactar-sgèile loidhneach aige.
