Chaidh dreach den t-òran Oran a' Chìobair (Òran Weir), mar a chaidh a thoirt sìos le Catrìona Dhùghlas bhon t-seinn aig Alasdair MacRath à Scallasaig an Gleann Eilg, fhoillseachadh san iris An Gàidheal san Ògmhios 1940 bhon t-ainm Mo Leannan Hànah.
Bha e air innse gun deach a dhèanamh le Seumas Caimbeul, ann an Gleann Peighinn aig ceann Loch Arcaig "bho chionn còrr is trì fichead bliadhna."
Bha an seinneadair, Eddie MacRath, a' cumail a-mach gur e cìobair a rinn an t-òran. Bha e an dùil nighean shònraichte a phòsadh ach thrèig i e agus phòs i mac bàillidh air an robh an t-ainm Weir. Sin bu choireach gur e Òran Weir a chanadh cuid ris.
Tha dà cheathramh nach do sheinn Eddie MacRath ann an Òran Hànah anns A' Ghàidheal, a' toirt dealbh air an tè a bha na briseadh-cridhe don bhàrd:
'S mo nighean donn ghuanach, ma dh'fhàs thu 'n gruaim rium
Tha m' inntinn luaineach gun fhois bho Dhòmhnaich
Caoidh do shùgraidh, ma chuir thu cùl rium
'N dèidh na cùmhnantan a gheall thu dhòmhsa.
Sùil mar dhearcag fon fhraoich is taitnich
Mun èirich dealt air ri madainn cheòthar;
Falt dualach gast' ann an cuaich am pleata
'S cìr-chùl san fhasan ga chur an òrdain.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.