Peigi Oighrig NicÌomhair

Thàinig Peigi Oighrig NicÌomhair, Peigi Oighrig Aonghais an t-Saighdeir, agus an duine aice, Dòmhnall Mac a' Ghobhainn nach maireann à Bhaltos, air ais a dh'fhuireach air a' Chnìp, baile a breith 's a h-àraich, an dèidh dhaibh bliadhnaichean mòra a thoirt ann an Lunnainn.

Chan e a-mhàin gum bi Peigi Oighrig a' seinn, bidh i cuideachd a' deanamh òrain. B' e Dòmhnall MacÌomhair, Dòmhnall Donn, bàrd a' Chnìp, bràthair a seanar agus dh'innis i fhèin air BBC Radio nan Gàidheal air 16/06/2001 mar a thuirt e rithe, is e air leabaidh a bhàis, gu faigheadh i spiorad na bàrdachd.

"A' latha a bhàsaich e, bha mi a' bleoghann a' chruidh as a' bhàthaich agus thàinig m' athair a-steach. Bhiodh e a' dol a-mach a h-uile madainn a dh'fhaicinn dè mar a bha e. Cha robh e ach bochd. Agus thuirt e rium, "Tha e gad iarraidh as a' bhad."

'S nuair a chaidh mi a-steach, bha an uair sin dà leabaidh air fad a chèile agus dà chraiceann laoigh air beulaibh nan leap. Agus thuirt e, "Trobhad 's na biodh eagal ort. Thoir dhomh do làmh."

Agus thug m' athair orm a dhol a-null chun na leabaidh agus thuirt e, "Tha mi a' fàgail an t-saoghail-s' a dh'aithghearr. Agus 's e thusa a tha faighinn spiorad na bàrdachd agus tha mi dol a thoirt comhairle ort. Na cuir i chaoidh gu dì-moladh, na cuir i chaoidh gu càineadh, ach na cùm air ais i. Chan urrainn dhut."

Chaochail Dòmhnall Donn mu 1945 agus goirid an dèidh a bhàis rinn Peigi Oighrig a' chiad òran, a' moladh an t-seallaidh a tha ri fhaicinn bho mhullach cnuic faisg air a dachaigh.

Nuair thèid mi 'n àirde bhàrr a' chnuic
Mar 's tric air feasgar Sàbaid,
Chì mi Riof is Bhaltos Ùig
'S an Cnìp far 'n d' fhuair mi m' àrach.

Chì mi Siaram dhomh nas fhaisg'
Bhuidha Mhòr 's gach àite;
Bhacasaigh is Gob an Stuing
Is tràigh na Beirghe làmh rium.

Chì mi faisg dhomh Pabaigh Mhòr
A' cumail taobh ri Màisgear
Sgeir Mineig bheag aig gob an Tòbh'
'S an fhairge beucadh àrd oirr'.

Tha 'n Gallan Ùigeach muigh aig tuath
Cha dèan mi an t-Seanna Bheinn fhàgail
Na Beàrnaraigh is Caolas Ùig
Far an tric le lìon is bàt' iad.

Fad ceithir bliadhna fichead bha an taigh aig Peigi Oighrig agus Donaidh ann a' Lunnainn na dhachaigh do mhòran Ghàidheil agus gu h-àraidh do sheòladairean a bha falbh agus a' tighinn eadar an dachaigh agus bailtean-puirt air feadh an t-saoghail. Cha robh aoigheachd is fearas-chuideachd, ceòl agus spòrs uair sam bith gann ann.

Bha Seumas Ros a bha ag obair aig Sgoil Eolais na h-Alba air a bhith ann a' Leòdhas agus air òrain a chlàradh bho Aonghas Coinneach MacÌomhair, bràthair Pheigi Oighrig. Nuair a chuala e gu robh piuthar aige a bhiodh a' seinn, ann an 1957 chaidh e air an astar a Lunnainn ga clàradh. Chaidh a clàradh ann a Lunnainn cuideachd le BBC Radio nan Gàidheal.

Ann an 2009 chlàr Peigi Oighrig cuid de na h-òrain aice fhèin agus cuid de dh'òrain Dhòmhnaill Duinn air DVD a tha ri fhaighinn bho Chomann Eachdraidh Ùig.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.