Pàdraig Caimbeul (Bàrd Bhràgair)

Rugadh Pàdraig Caimbeul, Pàdraig Thormoid Chaluim, ann am Bràgar ann an 1874. Bha e a' fuireach as a' Ghleann, aig 43 Bràgar a Deas.

A' sgrìobhadh anns an ràitheachan Gairm as t-Fhoghar, 1976, tha Aonghas Caimbeul, mac le bràthair a' bhàird, a' cuimhneachadh air Pàdraig, a bha a' fuireach còmhla riutha anns an t-seann dachaigh.

"Bha naodhnar againne anns an teaghlach againn fhìn ... bha mise air an dàrna duine bu shine agus bha cuimhne agam nach robh Pàdraig a' faighinn cothrom ro mhath air a' bhàrdachd aige a sgrìobhadh ach tràth sa mhadainn, eadar ceithir uairean is ochd uairean.

Bhiodh sinn a' cadal anns an aon leabaidh, agus is math tha cuimhne agam fhathast air saf na pìoba aige; bhiodh e a' leughadh 's a' smocaigeadh ann a' sin, 's gun e dèanamh mòran cadail, dìreach norrag an-dràsta 's a-rithist, a là no dh'oidhche, 's ceò shearbh a' tighinn as a' lampa pharaifin nuair a bha i seasg."

Agus tha Aonghas cuideachd a' sgrìobhadh, "Bha Pàdraig na Nàiseantach daingeann agus bha gràin aige mar a bha aig Burns do luchd a' bheartais 's an fhasain nach robh ri gnìomh feumail. Bha liut aige air breug-chràbhachd fhaireachadh na cho-dhaoine. Bu lugha air foirmealachd de gach seòrsa.

Ged nach robh e a' creidsinn ann a bhith ag ithe feòil no iasg cha leigeadh an staid anns an robh e beò leis cumail ris a' phrionnsabal sin. Bha e na dhuine cràbhach. Chan fhaca mi riamh e a' blasad gun altachadh goirid a dhèanamh agus chan fhaca mi riamh duine a dh'ith cho beag de bhiadh. Bha e beò mar gum biodh air criomagan de dh'aran-eòrna 's de dh'aran-coirce ... Cha chuimhne leam e a bhith a' togail a ghuth ann am feirg no a bhith a' toirt sglais dhuinne mar chloinn ged is math a thoill sinn sin!"

Bha Pàdraig dèidheil air iasgach fad a bheatha agus bha e cuideachd na phoidsear sgileil.

Choisinn e Crùn na Bàrdachd an 1928 leis a' bhàrdachd An Uiseag is chuir e fhèin fonn ris an t-òran. Bha e an còmhnaidh dèidheil air fonn a chur ris na h-òrain aige fhèin.

Cha robh e ach na dhuine òg nuair a chaidh e a Chanada an dèidh briseadh tighinn air a shlàinte, ach thill e mus robh bliadhna a-mach.

Cha do phòs e riamh agus bha e mu dheireadh a' fuireach ann an taigh beag a thog e dha fhèin "a' leughadh a là 's a dh'oidhche."

Chaochail e san Lùnastal 1943.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.