Na Siaraich

Na Siaraich

Thàinig Na Siaraich còmhla mar chòmhlan ann an 1973 agus ged a bha iad gu math soirbheachail agus a' còrdadh gu mòr ri luchd-èisteachd, sgaoil iad an taobh a-staigh dà bhliadhna. Bha ceathrar anns a' chòmhlan. B' i Bessie NicIllFhinnein a bha a' seinn, le taic bho Thormoid MhicIllFhinnein. Bha Caimbeul Gunna air a' ghiotàr agus Simpson Pirie air an fhidhill.

Bha naoinear ann an teaghlach Bhessie, nighean Angaidh Ruairidh Bhig à Losgaintir, Na Hearadh, seachdnar nighean agus dithis bhalach. Chaidh i do Bhun-sgoil Losgaintir gus an do dhùin an sgoil sin agus chaidh i an uair sin do Bhun-sgoil Sheileboist agus an dèidh sin do Sgoil an t-Òib.

An dèidh an sgoil fhàgail chaidh i a Dhùn Èideann, far an robh i airson mu thrì bliadhna ag obair aig teaghlach, a' coimhead às dèidh na cloinne. Rinn i cùrsa trèanaidh airson gruagaireachd agus tha i air an dreuchd sin a leantainn riamh bhon uair sin, ged nach eil i ach pàirt-ùine an-diugh.

Nuair a chaidh i a Dhùn Èideann an toiseach ann am meadhan nan trì ficheadan bha i ann an còisir Ghàidhlig a' bhaile agus an dèidh sin ann an Còisir Cheilteach Lodainn. Bha a' chòisir seo fo stiùireadh Sheòrais Clavey agus choisinn iad a' chiad duais ann an co-fharpais Mhairead NicDhonnchaidh aig Mòd na h-Aghaidh Mhòir, ann an 1969. Bha Bessie a' seinn na h-aonar aig na mòdan cuideachd agus sheinn i anns a' chiad fharpais oifigeil airson Bonn Òr an t-Seann Nòis ann an Sruighlea, ann an 1971.

Cha robh Na Siaraich còmhla ach mu shia mìosan nuair a choisinn iad a' chiad duais ann am Farpais nan Còmhlan aig Mòd Inbhir Àir, ann an 1973.

Thug sin iad gun Fhèis Pan-Cheilteach an Cill Àirne an Èirinn ann an 1974, ach b' e briseadh-dùil a bha sin. An àite cumail ri òran air an robh iad eòlach, chaidh fear ùr a thaghadh agus cha do dh'obraich sin idir dhaibh.

Ged a rinn Na Siaraich clàr The Sound of the Siaraich air an robh fèill mhòr, agus ged a bha dùil clàr eile a dhèanamh, chaidh iad ma sgaoil an taobh a-staigh dà bhliadhna.

'S ann ann an Glaschu a rugadh agus a thogadh Caimbeul Gunna, ach bhuineadh cuideachd athair, a thogadh ann am Malaig, do Ghallaibh. 'S ann à Glaschu a bha a mhàthair agus chaidh Caimbeul do Bhun-sgoil Charnwadric, Sgoil Allan Glens agus do dh'Oilthigh Obar Dheathain.

Ann an Obar Dheathain chuir e eòlas air òrain Ghàidhlig airson a' chiad uair agus bha e a' seinn ann an còmhlan còmhla ri Màiri Sìne Chaimbeul. Ann an 1972 ghabh e àite Noel Eadie nuair a chaidh esan a leòn ann an tubaist rathaid, agus bha e a' cluiche còmhla ris Na h-Òganaich nuair a choisinn iad a' chiad duais aig an Fhèis Pan-Cheilteach.

Ann a 1975/76 bha e a' cluiche airson greis còmhla ri Runrig agus ann an 1977 bha e fhèin, Cairistìona Primrose agus an Dotair Aonghas Dòmhnallach anns a' chòmhlan Bothan a fhuair a' chiad duais ann am Farpais nan Còmhlan aig Mòd Chataibh.

Ann an 1984, nuair a bha e ag obair ann an Inbhir Nis, rinn e an clàr Road to Inverness còmhla ri Friseal MacIllEathain. An dèidh sin, nuair a bha e air gluasad air ais gu deas, thàinig e fhèin agus Heather O' Neill còmhla anns a' bhuidheann Rannoch. Rinn iad clàr On the Broomielaw agus bha iad air cuairtean ann am Brazil, An Ruis agus anns an Èipheit. Tha e air clàr de dh'òrain a sgrìobh e fhèin fhoillseachadh cuideachd.

Tha Caimbeul air a' mhòr-chuid de bheatha a chuir seachad ag obair mar neach-naidheachd don Sunday Post, ag obair eadar Glaschu agus Dùn Èideann. Tha e a' fuireach an Glaschu.

Ged a rugadh agus thogadh Tormod MacGillFhinnein ann an Dùn Èideann, bhuineadh a chuideachd do Leòdhas. Bha a mhàthair, Agnes, à Bragair agus athar, Tormod, à Siabost. Choisinn a mhàthair, a chaochail ann an 2005, am Bonn Òr airson seinn san t-Seann Nòs aig a' Mhòd Nàiseanta ann an Cille Bhrìghde an Ear, ann an 1975.

Bha Tormod na neach-teagaisg P.E. anns an Royal High ann an Dùn Èideann airson ceithir bliadhna agus ann an Àrd-sgoil Craigroyston airson ceithir bliadhna deug thar fhichead, far an robh e mu dheireadh na Phrìomh Neach-teagaisg Treòrachaidh. Leig e dheth a dhreuchd ann an 2009 agus tha iasgach, gàirnealaireachd agus a' siubhal air baidhsagal am measg a chur-seachadan.

Tha e fhathast a' fuireach ann an Dùn Èideann còmhla ri bhean, Bernice, agus tha aon nighean aca, Ceitidh, a tha na neach-teagaisg dràma. Cha robh Tormod riamh cofhurtail air àrd-ùrlar agus an dèidh do Na Siaraich sgaoileadh 's e glè bheag a sheinn a rinn e ach am measg nàbaidhean an-dràsta 's a-rithist.

'S ann do Hunndaidh, ann an Siorrachd Obar Dheathain a bhuineadh cuideachd Simpson Pirie. 'S e fìdhleir clasaigeach a bha na h-athair agus ged a dh'fheuch e ri mhac ionnsachadh nuair a bha e deich bliadhna a dh'aois, aig a' cheann thall 's ann le fhèin oideachadh a dh'ionnsaich Simpson fìdhleireachd. Tha e air co-dhiù, aon chlàr The Great Scottish Fiddler fhoillseachadh agus 's e am fiosrachadh mu dheireadh a th' againn air gu bheil e a' fuireach anns a' Bhreatainn Bhig.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.