
Rugadh Murchadh MacLeòid, mac Aonghais Mhurchaidh na h-Àirde, air 30 Sultain, 1906, agus bha e a' fuireach aig 6, Dùn Chàrlabhaigh.
B' e an aon bhalach a bh' ann an teaghlach de shianar agus b' e an dàrna duine bu shine san teaghlach.
Chuir e bheatha seachad ag obair an Glaschu air na trams agus aig stòr a' ghràin, agus an dèidh dha a dhreuchd a leigeil dheth thug e greiseag na bhodach loiliopop, ach gu mì-fhortanach cha d' fhuair e saoghal fada idir.
Bha e pòsta aig piuthar màthar an t-seinneadair, Dòmhnall MacRath, bho Na Lochan, agus bha iad an toiseach a' fuireach timcheall air St George's Cross an Glaschu mus do ghluais iad a-mach gu Knightswood.
Tha e coltach gur e duine dòigheil a bh' ann, le port-a-fead aige an còmhnaidh, ach dh'fheumadh e a bhith air a bhrosnachadh gu seinn. 'S e chanadh e nuair a bhite ag iarraidh air òran a ghabhail ach "Seinnidh mi a-rithist e!"
Chaochail Murd', aig aois 66, air 19 Dùbhlachd, 1972.
Tha sinn an comain Pheigi NicDhòmhnaill airson an fhiosrachaidh seo.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.