Rinneadh am marbhrann Òran Mhurchaidh Ìomhair (Nam Biodh Agam Tàlantan) le Murchadh MacLeòid, Murchadh Ìomhair, a bha aig 35 Grabhair, sgìre nan Loch, ann a' Leòdhas.
Mar a mhìnich fear eile a mhuinntir na Loch, Aonghas MacLeòid à Calbost, no Ease mar a b' fheàrr a dh'aithnichear e, air BBC Radio nan Gàidheal:
"Chaidh Murchadh, a bha na dhuine caomh agus na èildear ann an coitheanal na h-Eaglaise Saoire as a' Phàirc, fhàgail na bhantrach le sianar chloinne òg, tràth na bheatha.
'S e breabadair a bh' ann am Murchadh agus bha e cuideachd a' coimhead às dèidh an taigh-sholais a bha air a' Mhileid. Cha robh bantraichean aig an àm sin a' faighinn airgead bhon riaghaltas.
Bha e fhèin ag innse dhomh nach do rinn e òran a-riamh roimhe, agus thàinig a' chiad deich rainn den t-òran seo thuige air latha dha tighinn bhon a' mhòinteach le poca mònach, mar a bha cleachdail aig an àm. Leig e às am poca mònach aig ceann an taighe agus shuidh e air agus rinn e deich rainn den dàn, agus cha b' urrainn dha an còrr a dhèanamh an latha sin.
Làirne-mhàireach thàinig e dhachaigh le poca mònach a-rithist agus leig e às e aig ceann an taighe agus shuidh e air. Agus thòisich e agus rinn e naoi rainn eile. Bha sin 19 rann. Rinn e a dhìcheall airson aon rann eile a dhèanamh ach cha b' urrainn dha."
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.