Rugadh agus thogadh Murchadh MacIllEathain, mac Mhurchaidh Aonghais Iain, air an robh mar fhar-ainm "Am Provost", ann am Bràgair agus chuir e seachad a bheatha ag obair sa mhuileann ann a' Siabost.
Phòs e dhan Leathad Fhraoich a tha air a' chrìoch eadar Bràgair agus Siabost.
Tha cuimhne aig cuid ann am Bràgair fhathast air a bhith a' cluinntinn mu sheanmhair, banntrach Aonghais Iain, aig an robh gibht shònraichte airson bàrdachd. A rèir coltais 's ann ann am bàrdachd a bhiodh i tric a' bruidhinn. Bha e mar gum biodh e a' tighinn bhuaipe gu nàdarrach.
Chaidh Murchadh a thogail am measg òrain agus na bhalach-sgoile dhèanadh e fhèin òran cuideachd.
Bha e dèidheil air a bhith seinn agus aithnichte mar dhuine abhcaideach, caractar.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.