Màiri Anna NicGillFhinnein

B' ann às a' Ghearastan a bha Màiri Anna NicChoinnich, ach bha ceangal làidir aice ris an Rubha an Leòdhas. Chaochail am màthair 's gun i ach òg. Phòs a h-athair a-rithist agus chaidh an teaghlach a thogail leis fhèin 's le muime.

Bha Màiri Anna ag obair an Glaschu nuair a choinnich i ri Iain MacGillFhinnein, Iain Neilidh Eàrdsaidh à Loch Baghasdal. Bha Iain ann an Oilthigh Ghlaschu an dèidh Seirbheis Nàiseanta a dhèanamh ann an Cyprus. Nuair a phòs iad, rinn iad an dachaigh an Uibhist a Deas. Bha dithis chloinne aca, Joanna a tha an-diugh pòsta agus a' fuireach an Sasainn agus Niall a tha pòsta agus a' fuireach faisg air Dùn Èideann.

Bha Iain a' teagasg saidheans ann an Sgoil Dhalabroig, agus ged nach robh teisteanas foirmeil airson teagasg aig Màiri Anna, fhuair i obair a' teagasg seinn ann an sgoiltean Ghearraidh na Mònadh agus Dhalabroig.

Tha cuimhne aig iomadh sgoilear air a coibhneas agus air a dìcheall agus mar a mhisnich i iad airson ùidh a ghabhail anns an dualchas aca fhèin. Bha i daonnan gan toirt gu Mòdan ionadail agus nàiseanta, agus bha sgoilearan Sgoil Dhalabroig daonnan a' dèanamh gu math fo a stiùir, co-dhiù bha iad a' seinn leotha fhèin, ann an càraidean, no ann an còisir. Bha iad cuideachd fìor mhath air dealbhan-chluich le òrain.

Thug i buaidh mhòr air seinneadairean leithid Pòl MacCalum, Màiri NicAonghais agus Amy NicAmhlaigh, agus bha fèill oirre fhèin mar sheinneadair aig cèilidhean.

B' e buille mhòr a bh' ann dhan teaghlach agus dhan choimhearsnachd nuair a fhuair Màiri Anna bàs aithghearr san t-samhradh 1979 's gun i ach bliadhna no dhà thairis air 30.

Mar a thuirt Màiri NicAonghais:

"B' e call mòr a thug a bàs air a' choimhearsnachd. Cha b' e a-mhàin gur e neach-teagaisg air leth a bh' innte, b' e deagh charaid a bh' innte cuideachd.

Nuair a chuala mi mu bàs, bha dùil agam nach seinninn ceathramh gu bràth tuilleadh, ach le ìmpidh an teaghlaich agus leis a' bhrosnachadh a thug i fhèin dhomh rè a beatha ghoirid, bha mi a' faireachdainn gu robh e mar fhiachaibh orm cumail a' dol air sgàth Mhàiri Anna. Tha taing mhòr agam ri thoirt dhith airson na tha mi air a thoir gu buil an-diugh."

Tha cuimhne aig Pòl MacCalum air cho òg 's a bha Màiri Anna an taca ris an tè a bha a' teagasg ciùil dhaibh roimhpe, agus a' bhuaidh a bha aige sin air fhèin agus a cho-aoisean:

"Air sàillibh gu robh i òg agus gu robh ùidh aice ann an seann rudan agus seann òrain gu h-àraid, bha daoine òga cuideachd deònach ùidh a ghabhail annta. Bha an òige a bh' innte fhèin a' tàladh nan daoine òga gu bhith a' seinn òrain Ghàidhlig aig àm far an robh an òigridh a' call ùidh ann an ceòl Gàidhealach. Chaidh cùisean air ais gu mòr an Uibhist a Deas, a thaobh òrain Ghàidhlig agus còisir na sgoile agus obair Mhòdan, an dèidh a bàis."

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.