Rugadh Eòin Dòmhnallach, Eòin Eachainn ann a' Hùnagladair, Cille Mhoire, ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich air 20 Dùbhlachd, 1932.
B' ann à Cille Mo Luag a bha cuideachd a sheanair air taobh athar. B' i Magaidh Buids, Magaidh Sheumais a' Ghobha, a bhuineadh do Bhorgh na Sgiotaig a mhàthair. Tha dithis pheathraichean aig Eòin, Màiri agus Alexina.
Chaidh e do Sgoil Chille Mhoire agus dh'fhàg e aig aois ceithir bliadhna deug. Dh'ionnsaich e fighe chlòithtean agus bha e ag obair ann an taigh gnìomhachais chlòithtean ann a' Cille Mhoire airson ceithir bliadhna.
An dèidh obair nan clòithtean fhàgail, ann an 1950 thionndaidh Eòin gu bhith a' reic obair-ceàirde ann am bùth an teaghlaich ann an Cille Mhoire. Bha e fhèin agus athair air ionnsachadh mar a dhèanadh iad obair-seilich agus bha iad a' dèanamh bhasgaidean air an robh fèill mhòr aig an àm. Bha Eòin cuideachd air obair-crèadha ionnsachadh anns na Puballan, anns na Crìochan, agus b' i a' bhùth aca a' chiad tè anns an Eilean Sgitheanach a bha a' reic obair-ceàirde.
Airson sia bliadhna bho mheadhan nan trì ficheadan bha Eòin na choimiseanair aig Coimisean nan Croitearan anns na h-Eileanan an Iar, leis a' mhòr-chuid dhan obair aige ann an Leòdhas agus Na Hearadh.
Ann an 1965 thòisich e fhèin agus a dhithis pheathraichean taigh-tasgaidh ann an Cille Mhoire agus tha Eòin gu mòr an sàs ann chun an latha an-diugh.
Ann an 1970 cheannaich e Taigh-òsta Dhùn Thuilm agus bha ga ruith airson seachd bliadhna fichead. Ann an 1978 phòs e Mairead NicDhòmhnaill, Mairead Eòghainn a' Ghobha, à Loch na Madadh. Tha dithis chloinne aca, Chrisma a tha na bàn-teagaisg agus Eachann a tha ri obair fearainn.
Bha Eòin riamh measail air ceòl agus òrain, gu h-àraidh seann òrain. Nuair a bha e òg cha mhòr gu robh seachdain nach robh e a' tadhal air feadhainn aig an robh eòlas air òrain, agus tric air tè a bha sònraichte fiosrach, Catrìona Dhùghlas, a bha a' fuireach mu dhà mhìle air falbh bhon dachaigh aige. Bha Catrìona a' cruinneachadh òrain agus lean Eòin a h-eisimpleir. Bhiodh e a' cuideachadh ag ionnsachadh feadhainn a bhiodh a' dol chun nam Mòdan agus nochd mòran de na h-òrain a chruinnich e anns an leabhar Òrain an Eilein (Taigh nan Teud, 2001).
Bhiodh Eòin a' seinn ann an co-fharpaisean a' Mhòid aig aon àm agus bha e gu math soirbheachail ann an farpaisean litreachais. Ann an 1950 choisinn e Crùn a' Bhàird aig Mòd Lunnainn.
Tha Eòin air a bhith a' cur a-mach na loidhne ann an Eaglais na h-Alba ann an Cille Mhoire airson còrr air leth-cheud bliadhna agus tha e air a bhith na eildeir airson còrr air deich bliadhna fichead. 'S e clàrc an t-seisein cuideachd.
Tha Màiri ceithir bliadhna nas òige na Eòin agus an dèidh dhith an sgoil fhàgail chaidh i a dh'obair a dh'Inbhir Nis bho 1953 gu 1959. Bha i an toiseach ag obair ann an oifis bùidsear; às an sin chaidh i do dh'Oifis nan Cìsean agus mu dheireadh gu Prìomh Oifig a' Bhaile ann an Talla a' Bhaile.
Bha i ag iarraidh tilleadh dhan eilean agus fhuair i obair mar neach-fàilteachaidh ann an Taigh-òsta Shligeachain. Thill i dhachaigh an uair sin agus bha i a' cuideachadh Eòin anns a' bhùth. Bho 1964, fad deich bliadhna fichead, bha i cuideachd a' ruith taigh-bìdhe dlùth dhan bhùth.
Ann an 1972 phòs Màiri agus Alasdair MacCoinnich, à Fearann an Leagha, eadar Port na Long is Càrbost. Tha an dachaigh aca ann a' Hùnagladair agus tha gille agus nighean aca. Tha Eachann na mhinisteir airm anns a' Ghearmailt agus tha Catrìona na ban-teagaisg bun-sgoile.
Bha agus tha Màiri measail air seinn agus gabhaidh i òran fhathast aig cruinneachaidhean ionadail na sgìre. Aig aon àm bha i a' seinn còmhla ri Buidheann Luaidh Chill Mhoire.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.