Mairead NicGillEathain

Rugadh Mairead NicGillEathain ann am Baghasdal air Eilean Cheap Breatainn ann an 1909. B' e NicDhòmhnaill an cinneadh a bha aice mus do phòs i Ruaraidh MacGillEathain, Ruaraidh Iagain Ruaraidh ann an 1929. Bha còignear de theaghlach aca.

Bha Màiri a' fuireach as a' Chùl, Cùl Bhaghasdail, agus bha làn a cinn de dh'òrain aice. Thog i mòran de na h-òrain sin bho a seanmhair Màiri Dhòmhnaill Nìll (NicFhionghain), bho a seanair Dòmhnall Dòmhnallach agus bho dà uncail, Seonaidh Iain agus Mìcheal Iain.

Bha Seumas MacBhàtar, a rinn prògraman mu òrain agus seinneadairean Cheap Breatainn do BBC Radio nan Gàidheal mar phàirt de Bhliadhna nan Òran 2010, eòlach air Mairead:

"Na mo chuimhne-sa, 's e boireannach uabhasach fhèin còir, coibhneil, a bha ann am Mairead. Boireannach àrd, tana, làidir a bh' innte. Aig deireadh na làithean aice bha i a' fuireach còmhla ri a mac, Iain.

Air a rachadh tu dhan taigh, cha robh ann dìreach ach beatha a-staigh, agus cha robh e fada gus am faigheadh tu strùpag de thì agus bhiodh toil aice òran a chluinntinn 's òran a ghabhail is uaireannan bhiodh fìdhleirean ann.

'S e deagh thaigh airson Gàidhlig, airson ceòl agus fearas-chuideachd de gach seòrsa a bh' ann.

Tha cuimhn' agam cuideachd turas a bha sinn thall a Bhancoubhar aig Expo 86, bha i ann còmhla rinn a' gabhail òrain. Agus bha na e na iongantas dhomhsa gu robh feadhainn ann a' sin a mhuinntir Bharraigh agus as a' choimhearsnachd Ghàidhealach a th' aca an Bhancoubhar, bha iad a cheart cho eòlach oirre-se 's a bha sinn fhìn a-bhos a' seo ann an Ceap Breatainn."

Chaidh Tha mo Bhreacan Fliuch Fon Dìle a chlàradh san taigh aig Mairead bho chionn còrr air fichead bliadhna. As a' chuideachd agus a' seinn còmhla rithe bha Maighstir Ailean Mac a' Mhaoilein a bha càirdeach do Mhairead, Sadie, nighean Mhairead, Seumas MacBhàtar agus fear-ealain, Ellison Robertson.

Dheasaich Ellison Robertson agus Seumas MacBhàtar taisbeanadh agus leabhar Sealladh gu Taobh (Art Gallery, University College of Cape Breton). 'S e leabhar de dhealbhan, òrain agus naidheachdan bho chuid de sheinneadairean is sheanchaidhean Cheap Breatainn, Mairead nam measg, a tha ann.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.