Rugadh Iain Tormod MacSuain ann an 1923, fear de shianar chloinne a bha aig Ruaraidh Iain Breabadair, agus Cairistìona Chaluim Pìobaire. B' e Am Bùidsear a chante ri Ruaraidh Iain agus bha bùth aca. B' ann ri iasgach a bha Iain Tormod.
Bha bàrdachd as na daoine. Rinn a bhràthair Calum laoidhean agus rinn bràthair eile, Iain, a bha na mhaighstir-sgoile, marbhrann do bhràthair eile, Murchadh, a bha na mhinisteir aig Eaglais na h-Alba.
'S ann do dh'Oighrig Moireasdan, Oighrig Dhòmhnaill Iain Dhòmhnaill Ailein, a rinn e an t-Òran Gaoil agus bha e air a ràdh gu robh iad a' suirghe air a chèile 's iad fhathast san sgoil. Mar a tha e ag ràdh anns an t-òran "Their cuid gu bheil mi gòrach, 's ro òg a bhith an gaol."
Phòs iad, ged-tà, agus bha ceathrar chloinne aca, Ruaraidh an toiseach, càraid nigheanan, Criosaidh agus Màiri Anna, agus an uair sin Donella.
Bha daoine uabhasach measail air Iain Tormod agus Oighrig agus glè dhuilich nuair a chaidh Iain Tormod a bhàthadh ann an 1969. Chaochail Oighrig ann an 1988. Chan aithne dhuinn gun d' rinn e bàrdachd no òran eile.
'S e Dòmhnall Eàirdsaidh Dòmhnallach agus Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain a chlàr an t-òran bhuaithe.
Tha sinn gu mòr an comain Mhòrag NicLeòid airson an fhiosrachaidh seo.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.