Dòmhnall Rodaidh MacAsgaill

Dòmhnall Rodaidh MacAsgaill

Rugadh Dòmhnall Rodaidh MacAsgaill ann an Caolas Scalpaidh anns na Hearadh, ann an 1957, mac Peter Dan Dhòmhnaill Uilleim à Caolas Scalpaigh agus Anna NicDhonnchaidh à Arcaibh. Bha còignear anns an teaghlach, triùir bhalach agus dithis nighean.

Chaidh Dòmhnall do Sgoil Sir E. Scott, air an Tairbeart agus nuair a dh'fhàg e an sgoil chaidh e do Cholaiste Inbhir Nis airson òstaireachd ionnsachadh. Bha e ag ionnsachadh obair chef agus bha e greisean ann an taighean-òsta ann an Inbhir Nis, Steòrnabhagh agus Ulapul.

Cha robh an obair a' còrdadh ris agus ann an 1979 thòisich e ri postaireachd ann an Inbhir Pheofharain agus Srath Pheofharain.

Ann an 1983 phòs e Iona Urquhart, aig an robh ceangal ri Geàrrloch agus am Blàr Dubh, agus bha dithis nighean aca, Eilidh agus Raonaid. Chaochail Iona ann an 1989 agus dh'fhàg Dòmhnall obair airson coimhead às dèidh an teaghlach.

Ann an 1983 bha pàirt aig Dòmhnall anns a' phrògram, The Last Post Run a rinn Sianal 4 mar phàirt dhen t-sreath People to People. Bha am prògram mu dheidhinn post, Iain MacCoinnich, a bha frithealadh sgìre fharsaing eadar Inbhir Pheofharain agus Poll Iù, còrr air trì fichead mìle a bh' aige ri choiseachd. 'S e pàirt MhicCoinnich a bh' aig Dòmhnall anns a' phrògram.

B' ann an Inbhir Pheofharain a ghabh Dòmhnall ùidh ann an seinn. Bha nàbaidh aige, Alasdair Mac Ille Bhràth, glè thric na fhear-an-taighe aig cèilidhean ann an Talla a' Bhaile agus bha esan ga phiobrachadh gu seinn. Ann an 1991 choisinn Dòmhnall am Bonn Òr airson seinn san t-Seann Nòs aig Mòd Inbhir Pheofharain.

Ann an 1993 phòs Dòmhnall agus Una NicDhòmhnaill, nighean Dhòmhnaill a' Bhrot, à Gabhsann, Leòdhas. Bha Dòmhnall ag obair ann an Talla Coimhearsnachd Inbhir Pheofharain fad còig bliadhna deug agus ann an 2007 chaidh a thaghadh mar shàr neach-obrach na bliadhna ann an Roinn na Gàidhealtachd. Tha e na oifigear comhairle anns a' bhaile an-diugh.

Chaidh Dòmhnall iompachadh anns an 2000 agus bidh e a' cur a-mach na loidhne ann an Eaglais Shaor Urraith is Srath Chonain, far a bheil e na èildear. Tha e cuideachd air sailm is laoidhean a chlàradh.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.