Chaidh an t-òran Bàl Loch Arcaig a dhèanamh le Dòmhnall MacIllFhinnein, Dòmhnall Ruadh, a bha na gheamair aig Loch Iall ann an àite ris an canar An Lochan. Bha seo aig Leacsaidh Chaimbeul ri ràdh mu dheidhinn:
"Feusag mhòr ruadh air, 's tha cuimhn agam, bha sinn uamhraidh tickled leis nar clann, nuair a chitheadh sinn e. Nuair a bhiodh e a' gabhail soup na dad sam bith, chuireadh e an fheusag a-staigh dhan pheiteag aige, seach an grease a dhol oirre. Feusag mhòr bhrèagha bhàn air a' bhroilleach.
'S iomadh òran a rinn e. Bha e uamhraidh sunndach, Dòmhnall bochd.
Dhèanadh e òrain laghach. Cha bhiodh e a' dèanamh òrain mhosach uair sam bith."
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.