Chaidh Zulu Dhòmhnaill Ruaidh a sgrìobhadh le Coinneach MacÌomhair, Coinneach Aonghais Òig, a bha a' fuireach aig 18 Breascleit, Leòdhas. Duine socair, sàmhach a bh' ann an Coinneach ach feumaidh e bhith gu robh mac-meanmna beothail aige. Ma rinn e òrain eile a bharrachd air Zulu Dhòmhnaill Ruaidh chan eil iad air lorg.
B' e clachair a bh' ann an Coinneach Ùr agus bhiodh e a' togail dhrochaidean. Cha robh eathar aige riamh agus cha mhotha na sin a b' e iasgair a bh' ann.
Rinn e an t-òran do ghrunnan dhaoine à Breascleit a bha caran coltach ris fhèin. Cha bhiodh iad a' dol gu muir agus cha robh eathar aig duine aca.
Bhàsaich Coinneach mu mheadhan an fhicheadamh linn 's e air greis latha fhaighinn.
Tha sinn an comain Dhòmhnaill Norrie MacLeòid à Tolastadh a' Chaolais, Leòdhas, airson an fhiosrachaidh seo.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.